A' dol a shiùbhal
Tha am pìos sgrìobhaidh seo gu bhith a' coimhead air rudan a bu chòir dhut a bhith a' deànamah ma tha thu a' dol a shiùbhal thall thairis. Chan e saor-laithean a tha mi a' ciallachadh, ach siùbhal fada le baga mòr agus leabhar fiosraichaidh!
Sna laithean-sa, tha tòrr
dhaoine a' dol thall thairis às dèidh dhaibh sgoil fhàgail. ’S e dòigh
inntinneach a tha ann a bhith a' faighinn a-mach beagan mun t-saoghal.
Tha daoine òga air feadh an t-saoghail a' faighinn fiosrachadh agus
èolas ùr. Nach e cothrom math a th' againn a-nis le siubhal cho saor?

Cead-siùbhal agus bhiosa:
Tha daoine ann an Alba cho fòrtanach a-nis le siubhal anns an Roinn Eorpa caran furasta. Chan eil feum aig daoine à Eòrpa air cead-siùbhal no bhiosa fhad ’s a tha iad a' dol timcheall Eòrpa! Ach, ma tha thu a' dol nas fhaide air falbh gu àitichean mar Ameireaga a Deas, Aisia no Astràilia, feumaidh tu smaoineachadh air bhiosa. Tha am fiosrachadh às fheàrr aig na Consulates agus tha làrach-lìn math aig cha mhòr a h-uile Consulate. Bidh faiceallach le cead-siùbhail a tha faisg air an ceann-latha mu dheireadh. Rannsaich agus bidh thu toilichte!
Leabhar fiosrachaidh:
Tha na leabhraichean fiosrachaidh gu math cuideachail gu h-àraidh Lonely Planet. Bidh thu a' lorg fiosrachadh mun bhiosa, airgead, cùltar, eachdraidh agus tòrr a bharrachd anns na leabhraichean. Le barrachd fiosrachaidh nad ceann, ma dh'fhaoidte nach bi culture shock uabhasach no cianalas ort. Bidh thu deiseil airson do thurais agus mar sin dheth misneachail.

Airgead:
Tha e cudromach gu bheil airgead gu leòr agad mus tèid thu a dh’àite sam bith. Na deach gu àitichean iomallach gun a bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn airgead. Feuch ri beagan fhaighinn a-mach mu dheidhinn cosgaisean anns an dùthaich far am bi thu a' siubhal. Dhèanadh seo do thuras na bh'fhasa. Airson toiseach tòiseachaidh, pàigheadh sgleog £30 airson gach artaigeal a tha sinn a cuir air an làrach! Leig fios thugainn!
Trioblaid:
Ma bhios tu mì-fhòrtanach agus ann an droch staid, ’s e an consulate an t-àite ris am bu chòir dhut bruidhinn. Tha seolaidhean, àireamhan fòn agus daoine ghasta an-seo agus bidh iad gad cuideachadh. Chan eil duine sam bith ag iarraidh trioblaid nuair a tha iad a' siubhal. Tha mi an dòchas gum bi thu fòrtanach!
Chan eil e furasta a bhith a'
dol thall thairis nuair a tha thu òg ach ma tha thu a' lorg tachartas,
bidh do thriop làn gaireachdainn agus rudan ùra. Thalla agus thig air
ais le ceann làn agus cridhe toilichte. Gur math thèid leat!
Raonaid Alcorn





