Skip to content

queen1

Allegiance

A rèir aithisg a chaidh a’ sgrìobhadh airson Gòrdan MacIlleDhuinn mu “citizenship” Breatannach, bu chòir do chlann a tha a’ fàgail na sgoile “oath of allegiance” a’ ghabhail dhan a Bhàn-righ. Thuirt Lord Goldsmith, a sgrìobh an aithisg, gu neartachadh seo na ceanglaichean a bha deugairean a’ faireachdainn dhan dùthaich aca - ach a bheil fìrinn sam bith ann an seo no an e smuain bho àm eile a th’ann? Àm far an robh barrachd cuach agus cudthrom aig a Bhàn-righ

’S docha gum bheil i feumail airson a bhi a’ fosgladh ospadal no dha, no airson a bhi a siubhal air feadh an t-saoghal a’ coinneachadh ri daoine cudthromach ach a bheil pàirt aice ri chluich ann am beatha Bhreatannaich an latha an-diugh? Pàirt cho cudthromach ’s gu bheil sinn a’ seasamh suas air beulaibh ar sgoil ’s a gealltainn ar dìlseachd dhi?
queen2
Tha i fhathast ri lorg air na stampaichean agus an airgead againn agus air an telebhisean a h-uile Nollaig. Ma tha thu fortanach gu leòir bonn òr a bhuannachadh aig na h-Olympics ’s e ‘God Save the Queen’ (“God save our gracious Queen / Long live our noble Queen”) a chluicheas iad, agus a bu chòir dhut a bhi a’ seinn. Tha seo a’ sealltainn dhuinn gu bheil i fhathast gu math cudthromach dha’n dùthaich, agus fhathast mor-chordte le mòran air feadh an dùthaich agus air feadh an t-saoghal.

Ma dh’fheumas sinn a bhi a’ moladh rud sam bith mu dheidhinn Breatainn an latha an diugh ge tà nach eil tòrr a bharrachd rudan eile ann as a dh’fhaodas sinn a’ bhi moiteil. Tha sinn a cruthachadh an t-uamhas ceòl, ealain agus sgrìobhadh anns an dùthaich seo. Tha nursaichean agus dotairean ag obair latha ’s oidhch’ airson ar cumail fallainn agus neach poileas ’s smàlaidh a-mach a h-uile latha gar cumail sàbhailte. Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dhuinn a bhi a toirt “oath of allegiance” dha na daoine seo a’ bharrachd ach chan e smuain càil nas gòraiche a th’ann na chaidh a chomhairleachadh.
queenjordanharvey1
Chuireadh e iongnadh mòr orm nan tachradh an rud seo gu deimhinne – thuirt fear labhairt airson riaghaltas na h-Alba mar eisimpleir nach robh iad ag aontachadh le na molaidhean seo agus nach robh iad an dùil gun obrachadh e – ach tha e fhathast ag innse rudeigin dhuinn nuair a bha an riaghaltas a’ smaoineachadh air gu h-oifigeil aig ire cho àrd.

Feumaidh gu bheil beachdan agaibh fhèin air a seo. Ma tha thu fhathast as an sgoil agus rachadh iarraidh ort seo a’ dhèanamh de smaoineachadh tu? Carson nach innis thu dhuinn.