Skip to content

Aodach Shamhraidh

le Kristina Nicolson Hunt


Ma tha thu a lorg rudeigin ùr agus snasail a chuireas tu ort an samhradh seo, thainig thu dhan aite ceart! Tha mise air aodach bho iomadach buth a lorg gus am bi fios agaibh de bu choir dhuibh a cheannach.

Se a chiad rud a dh’fheumas a h-uile nighean faighinn - sgiort shnog le pàtran math air. Cum an leine-t simplidh agus bidh e a’coimhead snasail. Tha an sgiort a lorg mi fhèin bhon raon fàs-bheairteach Newlook agus is urrainn dhut a faighinn airson £16. Lorg mi an leine-t bheag seo ann an Newlook cuideachd airson £5 ach cuimhnich gur e aite math airson rudan mar seo a th’ann am Primark cuideachd.
aodach-shamhraidh1 aodach-shamhraidh3

‘S docha nach eil thu ag iarraidh na casan agad a shealltainn as t-samhradh seo. Tha sinn ceart gu leor oir seo na dinichean a tha freagarrach a’mhios seo. S urrainn dhut an cur ort ma tha thu a’dol a-mach còmhla ri na cairaidean agad neo a-mach airson dinneir còmhla ri do pharantan. Tha an leine-t seo math airson sin cuideachd. Nuair a tha thu a’coimhead air an toiseach ‘s e direach leine-t a th’ann ach tha mise smaointinn gu bheil na srianagan dathtach ga dheanamh beagan diofraichte. Ma tha thu ga lorg gheibh thu iad ann an Topshop: na dinaichean airson £40 agus an leine-t airson £22.
aodach-shamhraidh5 aodach-shamhraidh6

‘S e rud math dreasa bheag a bhith agad anns a’phreas aodaich agad. Th an dath buidhe math airson a h-uile aois a chur orra. Ma tha craiceann geal ort faigh rudan le dath eile na mheasg agus ma tha craiceann nas doilleir agad tha e nas fhearr dreasa bheag dhearg, mar an fear seo, a chur ort. Tha an dreasa buidhe à Warehouse a’cosg £75 agus an dreasa dhearg à Newlook a’cosg £15.

Fagaidh mi sibh le brogan boillsgeach a bhios a coimhead sgoinneil a’mhios seo!!
aodach-shamhraidh7 aodach-shamhraidh8              aodach-shamhraidh9
                    £15                                             £45                                      £19.99
             Dorothy Perkins                         Topshop                                     Schuh