Skip to content

Tha mi airson a bhith air an Teilidh!

Tha iomadh prògram Tbh ann a-nise a bheireas dhut cothrom a bhith nad rionnag air an teilidh, ach ciamar a gheibh thu a-mach mun deidhinn?

Uill, anns na laithean seo chan fheum thu ach sùil a ghabhail air an eadar-lion.

Tha dà làrach-lion aig a' BhBC – aon airson clann a mhàin, agus aon airson neach sam bith.


tvapp3

Tha cothroman ann pàirt a ghabhail ann am prògramman a leithid 'Escape from Scorpion Island' agus 'Gimme a break'. Tha cuideachd cothroman ann nochdadh air 'Antiques Roadshow' a-measg eile.

De mu dheidhinn fiolmaichean? Ma tha ùidh agad ann a bhith nad 'extra' tha iomadh cothroman an sin cuideachd. A-rithist, gabh sùil air làraich le bhith cleachdadh einsinn rannsachaidh.

Cùm sùil a-mach air an teilidh cuideachd, tha prògramman mar Big Brother no an Apprentice gu tric ag innse le sanas no aig deireadh prògram ma tha iad a' sireadh neacha ghabhas pàirt.


tvapp4

'S e an rud às cudromaiche le càil mar seo, dèanamh cinnteach gu bheil thu air deiseilachadh airson feuchainn air gu faiceallach. Tha luchd obrach Tbh no fiolm airson daoine inntinneach a lorg, le beachdan làidir, sgillean àraid agus beachd math air cò iad agus carson a tha iad airson pàirt a ghabhail sa phrògram no san fhiolm.

Sin agad e – cho sìmplidh ri sin!


tvapp5

Ach cuimhnich, chan ann tric a bhios cuideigin soirbheachail a chiad turas a dh'fheuchas iad air rudeigin mar seo. Mar càil sam bith eile, feumaidh tu cumail ort, fiù's mura th'eil thu soirbheachail. 'S iad an fheadhainn a chumas orra a' feuchainn an fheadhainn a shoirbheachas aig deireadh an latha!

Gu math thèid leat!


Rhoda Meek, gaeliconline.co.uk airson sgleog.com