“Mingles Shambolically”
Dà fhacal a chuir gàire mhòr air m’ aodann! Bha eagal orm nach robh Googlewhack air fhàgail air loidhne ach fhuair sinn fear a nochd agus a-nis gu bheil mi air “Mingles Shambollically” a sgrìobhadh ann an seo tha mi air an Googlewhack a mhilleadh!
Dè th’ ann an Googlewhack?
Tha Googlewhack a’ tachairt nuair a tha thu cuir dà fhacal a-steach do Google agus tha dìreach aon làrach-lìn a’ nochdadh. A bharrachd air sin, tha feum air an dà fhacal agad a bhith anns a’ bhriathrachais aig Google fhèin.
’S e Dave Gorman a thog a chuid do dh’aire air
Googlewhack leis an leabhar agus taisbeanadh aige “Dave Gorman’s
Googlewhack Adventure” a thàinig gu bith nuair a bha e feuchainn air
leabhar ùr a sgrìobhadh airson am foillsichear aige agus cha robh ùidh
sam bith aige san obair! Mar sin shuidh e aig a’ choimpiutair aige a’
coimhead airson Googlewhacks nuair a bha còir aige bhith ag obair agus
le sin nad inntinn, tha feum agam air rabhadh làidir a thoirt dhuibh
nach bu chòir dhut tòiseachadh air seo ma tha obair agad ri dhèanamh!
Tha
e doirbh a ràdh ciamar a thòisich a’ chiad Googlewhackadh ach cho luath
sa thòisicheas tu coimhead, tha fios agam gun cùm thu a’ coimhead gus
am faigh thu fear! Tha seo math airson do bhriathrachais fheìn a chionn
’s gum bi thu smaointinn air na facail as neònaiche a tha thu air
ionnsachadh nad bheatha agus nuair a tha thu dèanamh seo le do
chàraidean, nochdaidh cothlamadhan èibhinn anasach agus bi fealla-dhà
aig a h-uile duine agaibh!
Tha làraich-lìn ann mar www.googlewhack.com
a tha cruinneachadh nan googlewhacks aig a h-uile duine ma tha sibh
airson eisimplear no dhà fhaighinn ach airson toiseach toiseachaidh
feuch faclan mar seo… disestablishmentarianism, photosynthesis,
spiffing, globular, gangrenous agus mar sin air adhart! Tha milleanan
de fhaclan ann agus tha barrachd cothlamadhan ann eadar na faclan tha
seo… ach an rud a tha doirbh mu dheidhinn ’s e a bhith faighinn dìreach
AON làrach a tha cleachdadh an dà fhacal.
Siuthadaibh! Tha e cho furasta sin…





