simpsonizeme.com
Dh’aithnicheadh tu cuideigin anns na Simpsons anns a’ bhad, nach aithnicheadh? Ach, an do smaoinich thu riamh cò ris a bhiodh tu fhèin coltach nan robh thu dol a nochdadh anns na Simpsons? Uill, thèid chun an làraich lìn seo agus seallaidh e dhùt!
Cha do dh’obraich e ro mhath dhòmhsa ge-tà … Chuir mi mo dhealbh a-steach agus às dèidh còig mionaidean thàinig e air ais thugam agus thàinig e air ais le dealbh coltach ri cuideigin a chitheadh tu anns na Village People. Mar sin, tuigidh tu carson nach seall mi dhuibh an dealbh agam fhèin ach seo eisimpleirean do dhaoine ainmeil air nochdadh anns na Simpsons!
Mandy Moore


50 Cent


Feuch e ’s cò aig tha fios? ’S docha gum bi thu coltach ri Bart fhèin!




