Skip to content

Sùgh Mhàiri Ròs

Tha mise uabhasach fhein deidheil air Marie Rose Sauce agus chan eil feum agad air tòrr airgead a chosg air maorach airson ithe! Feuch e an àite ketchup air chips, an àite mayonaisse air cearc agus tha e sgoinneil air maois san dias! (corn on the cob).

Ach ann an Ameiriga tha iad air "Thousand Island Dressing" a thoirt air ach tha seo fada fada cearr! Tha e lan bhineagar agus lusan neonach gun fheum sam bith ann an sùgh Mhàiri Ròs. Bithidh daoine a cuir garlic ann, lioman agus worcester sauce airson breab agus beagan paprika airson dath ach chan eil feum agaibh air na tha sin do chungaidh agus mar is trice tha blas ann a tha robh làidir.


Cùm simplidh è agus cha teid thu ceàrr!


Na Dh'fheumas tu!

Mayonaise, (cleachd creme fraiche airson do fhein a chumail falainn)

Ketchup,

Piobair Cayenne


Agus sin e!


Dean e!

Toisich le spàin làn mayonaisse, spùd beag ketchup agus spreìdheadh beag do phìobar, miosgaich e ri cheile agus feuch mar sin e.


Feuch seo le Tuna, Buntata, Pasta, Cearc, salaid agus ma tha an t-airgead agaibh tha e math le bradan agus maosgan chaola cuideachd :)