Artaigeal le: Moira
Dean seo le... Subhagan!
Càis-cheic Shùbhagan
An samhradh gus a bhith againn... abair gum bidh iad seo blasta agus cha toir i ach mu 30 mionaidean aig a’ char is aide agus chan eil bruich sam bith a’ dhìth!
Nithean a dh’ fheumas sibh:
110gm/4uns brioscaidean - hobnobs (neo coltach), air am pronnadh
2 spàin
bhuird de mil
làn do chròg de shùbhagan
150ml/5¼ unns de bàrr
dubailte
boinneag neo dha de sùgh faoineag (bhainila)
Gus an coulis a dhèanamh...
làn do chròg de shùbhagan a’ rithist
½
lìom, (sùgh a mhàin)
1 spàin bhuird de shiucar mìn
Modh
- Measgaich na briosgaidean pronn agus am mil le chèile ann am bobhla.
- An uairsin, cleachd spàin gus am measgachadh gu lèir a chuir ann an soitheach freagarrach agus còmhdaidh le ubhagan.
- Measgaich am bàrr gu math comhla ris am mil agus am faoineag gus am fas e tiugh.
- Cleachd spàin gus sin a chuir air mullach measgachadh na subhagan - a' cleachdadh spaideag gu a' dhèanamg rèidh
- Gus an 'coulis' a dhèanamh, cuir na subhagan, sùgh an lìom, an t-siucar mìn comhla ann an inneal mar ' blender' gus a bheil e mìn. Cuir sin gu lèir tro siolag.
- Mu dheireadh, dòrt seo air mullach an càis-cèic agus tha e deiseail gus ithe!
'Smoothie' Subhagan agus Apracot
A' rithist, chan eil bruich sam bith a' dhìth an seo!
Nithean
Làn do chròg de subhagan an aon uirreadh a' rithist de apracotan (air an tiormachadh) Làn do chròg do dheigh 1-2 spàin bhuird de mil ½phinnt bainne 1 spàin bhuird de yogurt Greugeach
Modh
- Cuir na subhagan, na apracotan, an deigh, am mil, am bainne agus an yogurt ge leir còmhla dh'ann am 'blender' agus obraich gus am bith a' h-uile nith rèidh.
- Dòrt an 'smoothie' gu lèir ann an gloinne àrd - agus tha e deiseil ri òl! De bhitheadh cho furasda ri sin!






