Skip to content

Artaigeal le: Sandra

Tiramisu gun Ugh

tiramisu

Fad mo bheatha tha mi air a bhith a’ smaoineachadh gu bheil e neònach uighean aimh ithe agus bha iongantas orm an còmhnaidh carson a tha iad ann an tòrr rudan math... Dh’ fheuch mi Tiramisu gun uighean a dhèanamh agus bha e ag obair...

Tàthchuid:

300 g corragan na leadaidh (lady fingers)
Cupa cofaidh fuar
25 ml brandaidh
400 g uachdar
400 g càise Mascarpone
2 spàin siùcar
Cuid blas faoineage
½ cupa fùdar teoclaid seirbhe

Cuir filleadh corragan na leadaidh ann an staoin fuine. Crath leth den chofaidh agus leth den brandaidh orra.
Cuip an t-uachdar gus a bheil e fìor rag agus cuir e anns an fhrids. Cuir am Mascarpone, an siùcar agus blas na faoineage ann am bobhla agus cuir a h-uile rud mun cuairt. Cuir an t-uachdar ann agus measg ri chèile e gu math faiceallach.
An uair sin cuir filleadh leth den uachdar air mullach corragan na leadaidh. Cuir darna filleadh corragain ann agus crath a’ chofaidh agus am brandaidh air fhàgail orra. A-nis cuir còrr den uachdar ann. Mu dheireadh crath fùdar teoclaid air a mhullach.

Tha sin gu math furasta, nach eil…