Deochan an t-Samhraidh:
Ged nach eil an t-sìde uabhasach math fhathast, tha an samhradh ann agus ’s e seo an àm ceart airson cuirm-chnuic (no ‘picnic’ mar a tha aig luchd na Beurla). Seo agaibh deochan Samhraidh a tha furasta.
Smoothies: Dèan smoothie le measan ann an inneal-measgachaidh. Bhiodh measan samhraidh uabhasach math – measgachadh de shùbhan-làir agus sùbhan-craoibh mar eisimpleir. Cuir san fhuaradair e mus tèid thu a-mach agus bidh e uabhasach blasta.
Sùgh: Cuir uisge soda agus sùgh mheasan còmhla gus deoch math dha-rìreabh a dhèanamh. Cuir sa reothadair e airson leth-uair a thìde.
Sùgh liomaid: Tha thu feumach air trì liomaidean mòra, leth-chupa siùcar agus aon liotair uisge. Slis na liomaidean ann an leth-phìosan agus brùth an sùgh ann am bobhla mòr. Thoir às na sìolan. Cuir an t-siùcar agus sùgh liomaid an lùib a chèile. Chuir san fhuaradair e.
Cuirm-chnuic:
Dè bu chòir dhuinn a dhèanamh gus cuirm-chnuic math a bhith againn
...?
Feumaidh tu biadh a chumail sìmplidh gus cuirm-chnuic soirbheachail a
bhith agad. Bidh faiceallach air sgàth ’s nach bi a h-uile sèorsa biadh
furasta a thoirt leat.
Mar as tric ’s e
biadh corraig am biadh às fhèarr mar phàirt de cuirm-chnuic. Bhiodh pìosan
ceirc, paidh agus pìosan cèic ag obair uabhasach math.

Sailead: Tha tòrr diofar sèorsa de shaileadan anns na bùithtean a-nis. Tha iad glan agus deiseil ri cleachdadh. Cuir tomàto beaga ri leatas gus blas math fhaighinn.
Condiments: Na dìochuimhnich picil, teudnaidh,
sabhs agus sùgh saileid. Tha iad feumail agus blasta.
Aran: Feuch aran le sìolan no aran Fraingis no focaccia airson blas eadar-dhealaichte. Tha aran math, caise blasta agus sailead a’ dèanamh cuirm-chnuic sìmplidh sònraichte.
Mìlsean: Tha gach sèorsa mìlsean uabhasach math taobh a-muigh. Tha measan math cuideachd.




