Skip to content


Arcade Fire 045

Arcade Fire aig an SECC.

Arcade Fire: Còmhlan-ciùil à Montreal le fuaim agus ìomhaigh a tha eadar-dhealaichte ri ceòl sam bith eile san t-saoghal an-dràsta. Chunnaic mise iad an t-seachdain a chaidh aig an SECC ann an Glaschu agus mholainn dhuibh an còmhlan-ciùil seo fhaicinn cho luath ’s as urrainn dhuibh. Feumaidh mi ràdh gum faca mi iad dà thuras am bliadhna mar thà, aig na Barrowlands sa Mhàrt agus aig T in the Park as t-samhradh, ach fhathast tha mi ag iarraidh air ais dham faicinn. Tha iad cho adhartach a rèir a cuid ciùil, a’ cleachdadh ionnsramaidean gu math seann-fhasanta (mar Hurdy-Gurdys agus Accordions) no fiùs craicte (clogaidean airson baidhsagalan air an cleachdadh mar dhruma) agus thug iad leotha a h-uile seòrsa airson an gig an oidhche eile aig an SECC.

Nise, feumaidh mi ràdh nach eil an SECC math idir, idir airson gig, ach nuair a tha Arcade Fire a’ cluich tha thu gu luath a’ dìochuimhneachadh mu dheidhinn nan duilgheadasan leis an fuaim. ’S e sabhal mòr a th’ anns an SECC, agus chan eil am fuaim a’ siubhal ann an dòigh nàdarrach idir. Agus gu h-àraidh tro a’ chiad òran, Black Mirror, bha am fuaim far an robh mise nam sheasamh gu math eagalach. Gu fortanach, as dèidh òran no dhà, agus às dèidh tòrr putadh fhuair mi gu dìreach air beulaibh a’ chòmhlan-ciùil.

arcade fire 2

Bha Arcade Fire luath, soilleir (a thaobh fuaim), agus ùr, agus gu h-àraidh nuair a tha iad a’ cluich nan òrain bhon chiad chlàr aca, Funeral, tha an luchd-èisteachd a’ dol às an ciall! Rinn iad leth tionndadh ùr den òran Kiss Off, leis a’ chòmhlan Violent Femmes (YouTube e), a bha uabhasach math ach ’s e na h-òrain as fheàrr a bh’ aca air oidhche ’Haoine Headlights look like Diamonds agus Laika òrain bhon EP agus a’ chiad chlàr aca.

Tha a’ chiad dà chlàr aca cho math ’s a ghabhas – chan eil càil nas fheàrr ann an saoghal Rock and Roll an-dràsta - ach ’s ann an uair a tha iad a’ cluich beò a tha iad a’ sealltainn dìreach cho math ’s a tha iad. Tha deichnear aca air an àrd-ùrlar, dithis a’ cluich na fìdhle, dithis mar Horn Section agus a h-uile duine eile a’ cluich measgachadh de dh’ionnsramaidean, uaireannan a’ dèanamh suaip, agus mar sin, tha tòrr a’ tachairt aig an aon àm, agus chan eil fhios agad càite am bu chòir dhut a bhith coimhead, gu h-àraidh nuair a tha iad a’ ruith timcheall agus a’ tilgeil bioran-druma agus tambourine dhan adhar!

Cha robh e buileach cho math ’s a bha an gig aig na Barrowlands (chan eil fhios am faic mi a chaoidh tuilleadh gig a bhios cho math ri siud) ach bha e faisg air, agus bha am measgachadh de dh’ionnsramaidean a’ toirt dhut an fhaireachdainn gun robh thu air beulaibh orchestra no rudeigin.
arcade fire 3
Mìorbhaileach (agus cha bhi mise a’ cleachdadh an fhacail sin tric) 9.5/10

MURCHADH MACSUAIN