Skip to content

Beat the Drum @  Druim na Drochaid

runrig girls smocks

Tha Runrig air a bhith dol airson 35 bliadhna agus mar sin chan eil duine beò anns a Ghaidhealtachd nach eil eòlach orra. Nuair a thòisich Calum ‘s Ruairidh Dòmhnallach an comhlan ann an 1973, tha mi cinnteach nach robh e fiù 's ann an aisling àca gum bitheadh iad a cluich air beulaibh faisg air fichead mìle dhaoine ann an Druim Na Drochaid agus ga chlàradh gu DVD (Chan eil mi samointinn gu robh fius VCRs aca ann an 1973). Mar a rinn an luchd-leantainn aca, thàinig còmpanaidhean craolaidh ann bho fada agus farsaing air feadh an t-saoghal airson am feis sonraichte seo agus fhuair iad uile tòrr a bharrachd na bha iad an dùil!

Bha deagh mheasgachadh do chiùil ceilteach ann air ‘s dòch nach robh iad cho eolach roimh laimh.  Bho the Vatersay Boys gu Aberfeldy, bho Julie Fowlis gu na Red Hot Chilli Pipers bha a h-uile seorsa do cheol ùr ceilteach ann. An oidhche roimhn’ an cuirm ciuil ged tha, chaidh eachdraidh a chuir air bhonn nuair a chùm iad a chiad Runrig-aoke! ( Runrig + Karaoke = Runrig-aoke) Bha seinneadairean math nar miosg cuideachd ach bha triùir ann a thog m’àire a bharrachd air an coir dhiuth, a cluich sets ghoirid eadar na co-fharpaisich. ‘S iadsanAchnasheen Airport, còmhlan far a bheil Dòmhmall, an gille aig Calum Dòmhnallach a cluich agus bha iad math! Ballaich nach eil fada a mach as an sgoil, a cluich an ceol teann beothail aca fhein agus a deanamh “covers” air orain ainmeil bho chòmhlain mar Na White Stripes agus Na Red Hot Chilli Peppers. Thug iad na h-òrain ainmeil Rock tha seo agus chuir iad an dreach earachdail aca fhein orra leis a phìob agus an fhidheal. Cùm suil orra: tha iad dol a bhith ainmeil.

Aig dà uair, Disathairne, sin seachd uairean roimh bha Run-rig gu bhith air an àrd ùrlar, dh’fhosgail na geataichean agus chan fhaca mi riamh sian coltach ris! Bha bòtanan ‘s Brollies’ dàithteach, a gluasad aig astar, a tuiteam air muin a cheile, a deanamh airson an àrd ùrlar. ‘S ann an uairsin a thuig mi dè cho cudthromach ‘sa bha e airson na daoine a tha air siubhal an seo bho thall-thairis agus cha robh sian dol a chuir bàcadh orra, gu h-àraid an aimsir! Bha an talamh bog aig an toiseach agus as deidh fichead mionaidean do dhanns’ bha bròt salach air feadh ar casan ach mar a thuairt mi… cha robh sian dol a chuir bàcadh air an latha seo!

Cuideachd ris am prìomh ard-urlar, bha teanta ann a chuir “Blas” air doigh agus an sin bha còmhlain mar Sunrise Not Secular a cluich agus tha e soilleir bhon an ceol aca gu bheil Run-rig agus na Saw Doctors air buaidh mhòr a dheanamh orra! 

runrig appear

Nuair a nochd Run-rig air an àrd-ùrlar chaidh am poblachd craichte agus chaidh na brollies air fallach! Chluich iad a h-uile orain a bha an luchd-leantainn ag iarraidh agus barrachd! Bha greiseag aig a h-uile neach sa chòmhlan na sgilean sonraichte a chuir seachad agus bha e sgoinneil Iain Bain fhaicinn aig toiseach an steids a treorachadh rian sgoinneil math le thri dhrumairean eile, an aite bhith an cul na drumaichean aige fhein mar is àbhaist dha bhith. Bha e truagh nach do nochd Donnaidh Rothach air an oidhche as deidh na rinn e airson an comhlan, ach tha Bruce Guthrie ann airson adhbhar agus cha do leig e dhan luchd eisteachd seasamh airson mionaid. Tha mi an dochas gum bidh tòrr a bharrachd feisean mar seo san àm ri teach!

runrig muddies