Na Duaisean Brits 2007
Thàinig an liosta de
comhlan-ciùil agus seinneadairean a bhios suas airson duais brit a-mach an
t-seachdainn agus gu dearbh fhèin tha Lily Allen (aon den seinneadairean a tha
a' còrdadh ri Sgleog gu mòr!) suas airson ceithir duaisean uile gu lèir.
Cinnteach nach bi Lily a bhodraig le duaisean gu mòr ach tha e a' sealltainn
dhuinn dìreach cho soirbheacail sa tha i na laithean-sa. Tha Na Fratellis suas
airson am "Breakthrough Act" agus tha Albannach eile shuas airson "seinneadair
fireannach as fheàrr ann am Breatainn" - 'S e Paolo Nutini a th' ann. Tha ceòl
Albannach a' fàs nas fheàrr gach bliadhna nach eil? tha Wolfmother suas airson
am Breakthrough Act eadar-naiseanta agus nach biodh e math nan robh iad a'
cluich air an oidhche! Tha Oasis a' faighinn an duais airson "Outstanding
Contribution to Music" agus tha an duais airson comhlan-ciùil Breatannach as
fhe&agrve;rr an duais as duiliche oir tha Snow Patrol, Arctic Monkeys,
Razorlight, Kasabian agus Muse uile suas air a shon. Ciamar a thagh thu aon
a-mach an sin?!!
Tha am prògram airson na Brits a' dol beò anns a' Ghearrain agus chan eil e air a bhith beò air an telebhisean bhon turas a sheall Jarvis Cocker an tòin ri Micheal Jackson! Tha Jarvis suas airson duais am bliadhna cuideachd, bidh am prògram inntinneach co-dhiù?!




