Skip to content

Ceòl Ùr ann an 2008

Aig toiseach gach bliadhna, is urrainn dhuinn coimhead air adhart ri ceòl ùr, seinneadairean ùra agus còmhlain-ciùil ùra. Tha e doirbh a ràdh cò bhios a’ dèanamh math ach feuchaidh sinn!

Seo artistes ùr’ a bu chòir a bhith ainmeil ann an 2008:

Adele:

adele

Tha Adele aig mullach gach liosta a tha a’ coimhead air ceòl ùr ann an 2008! Tha i uabhasach math agus tha i airidh air na molaidhean a fhuair i gu ruige seo. ’S ann à Lunnainn a tha i agus tha i fhathast a’ fuireach còmhla ri a màthair! Abair rionnag! Thàinig “Chasing Pavement”, an t-òran ùr aice a-mach anns an Fhaoilleach agus tha mi an dùil gum bi an t-òran sin mòr.

Duffy:

duffy

’S ann às A’ Chuimrigh a tha Duffy agus chan eil fios againn dèn ciad-ainm a th’ oirre! Tha i air obair a dhèanamh còmhla ri Bernard Butler (seann chluicheadair giotàr le Suede) air an òran Rockferry. Tha mòran dhaoine aig ràdh gum bi i ainmeil am-bliadhna. ’S e roc an seòrsa ciùil a tha i a’ dèanamh. Cùm ur cluais faisg air a’ rèidio gus Duffy a chluinntinn.

Foals:

foals

Seo còmhlan-ciùil a th’ air a bhith faisg air a’ mhullach fad dà bhliadhna agus tha daoine ag ràdh a-nis gum bi iad mìorbhaileach am bliadhna. ’S e ceòl dannsa agus punc an stoidhle aca. ’S ann à Oxford a tha iad agus tha ìomhaigh sgoinneil aca le falt neònach agus aodach sònraichte. Chaidh an t-òran Balloons gu àireamh 39 anns a’ chiad dà fhichead! ’S e toiseach tòiseachaidh a th’ anno co-dhiù!! Leis a’ chiad chlàr Antidotes a’ tighinn as t-Earrach, bidh an còmhlan-ciùil seo mòr.

Los Campesinos!

loscampesinos

Tha seachdnar sa chòmhlan-ciùil seo agus chan eil fhios againn dè tha seachdnar a’ dèanamh ann an aon chòmhlan-ciùil! Tha aonan a’ cluich air a’ ghlockenspeil!! Saoil seo! Bidh an t-òran Death to Los Campesinos a’ tighinn a-mach air 18mh Gearran agus às dèidh sin bidh a’ chiad chlàr aca Hold on Now, Youngster … a’ tighinn a-mach cuideachd.

Santogold:

santogold

Tè bhrèagha agus glic le ceòl diofraichte. Chan eil e dìomhair gum bi i mòr am-bliadhna! Tha i air a bhith ag obair còmhla ri Mark Ronson agus sheinn i còmhla ri Bjork. Tha i a’ fuireach anns na Stàitean. Tha dùil againn gum bi i a’ dèanamh math air feadh an t-saoghail. Tha òran singilte Creater/Les Artistes a-mach mar tha.


Seo ceòl ùr a tha sinne a’ moladh am-bliadhna. Ma tha fios agaibhse air feadhainn eile a bu chòir a bhith ainmeil, cuir post-d thugainn: deasaiche@sgleog.com