Cò ris a bhruidhinnidh sinn?
Cèol pop-electronicach, sna comhlan as fheàrr? OK!
Ma tha thu airson ceum a ghabhail a-staigh gu saoghal eleactronagach (neo canaidh
cuid saoghal nan cèol cach!) , mar a rinn mi fhìn as t-samhradh
seo, bith na tha ri leanntan feumail dhut. Uill càite an toisich sinn.
Sa chiad dol a-mach tha mi airson bruidhinn mu dheidhinn an cd as fheàrr
leam am bliadhna "Cicada". Thàinig an cd seo a-mach air an
7mh dhen t-Iuchar ach cha d'fhuair mi fhìn greim air gus an Dàmhair
agus is e an rud a b' fheàrr a cheannach mi a-riamh. 'S e mix electronic
pop/rock a th'ann, a measgachadh stoidhle dannsa le seinn is instramaidean.
Tha feadhainn ag ràdh gu bheil e car coltach ri Mylo, ach nam bharail
tha e aig ìre nas ard a thaobh cruthachadh. 'S e neach-ciùil eòlaiche
agus proifeasanta a chruthaich an cd seo. Leis an guth Innis Tìleadh
Heidrun Bjornsdottir a b' abhaist a bhith còmhla ri "gus gus"
agus "glos" agus an deagh dhòigh mheasgachadh aig Aaron Cilbert
agus Alex Payne tha blas electro-pop Lochlannach dealanach a tighinn as. Mura
bheil do chridhe a phlosgairtich leis an ruitheim chan eil fhios agamsa de tha
ceàrr ort! Ma tha thu eòlach air seann chomhlain-ciuil, feuch
ri "can", "New Order", "The Sugarcubes" agus "Daft
punk"a cuir ri chèile nad mac-meanmna, is a-mach as gheibh thu Cicada!
('S docha gu bheil mi bàidheil an seo ach is fior thoil leam guthan boireannaich
na Lochlann, chan eil fhios am carson!) co-dhiù tha Cicada làn
seòrsaichean diofaraichte, indie rock le seinn agus dannsa electronicach
cruaidh, ach 's e an rud a th'ann tha seòrsa gliocas cèol broinn,
chan e cèol dannsa caiseach mar a chì thu air sanasan air an t.bh
"Club hits" is a leithid de sgudail!
Thalla a-mach is ceannaich e, fiù's ma bheil do shròn a cuir dragh
ort. hehe.
A-nis dhan ath cd! An t-Samhradh seo bha mi air mo bheò-ghlacadh leis
an "Swedish duo" "The Knife". Barrachd electro, indie, pop!
WAYHAY!!! Fhuair mi a-mach mu dheidhinn an comhlan seo nuair a dh'èist
mi ri puirt a Royksopp "what else is there". Is e puirt cumhachadh
a th'ann. Tha na buill na druma neartmhor agus guth Karin Andersson a tighinn
còmhla uabhasach fhèin math anns a phuirt ud. Ach tha i comhla
ri a bhràthair anns an comhlan "The Knife". Is feumaidh mi
ràdh bha mi air mo dhòigh nuair a chuala mi an stuth aca. Tha
cuid dhen stuth dorch, trom agus domhain ach tha cuid eile beothail gu math
nua-chruthach. Tha a h-uile pìos aca gu math eadar-dhealaichte. Nuair
a dh'èisteas tu ris bidh e doirbh a cuir stad air do chasan, bidh iad
a leum suas is sìos!! A rithist tha guth Karin a toirt seachad neartas
air na puirt sgoinneil aca. Cha chuala mi riamh dad coltach ris. Tha feadhainn
dhe na h-òrain aca gu math socair ach bheir feadhainn eile ort seasamh
is a dèanamh dannsa craicte! Cuideachd a bheil cuimhne agaibh air an
t-òran "Hearbeats" le Jose Gonsalez, uill leis an fhìrinn
innis sgrìobh iadsan an òran is rinn Jose comhair dheth. Tha an
fhear aca nas dorcha ach nas fheàrr. Is e "Deep Cuts" tè
dhen cdan as fheàrr bhuaithe ach tha iad uile cho math.
Dhan an ath cd. Uill cha chreid mi gun do chuala mòran mu dheidhinn
"Booka Shade". 'S iad Walter Merziger agus Arno Kammermeier, agus
mar a bhios an dùil tha iad as a Ghearmailt. Wow 's ann air planaid eile
a tha a stoidhle aca, chan eil fhios am carson ach tha mi a creidsinn gu bheil
iadsan a toirt an obair aca gu chridhe. A-nis tha sinn a bruidhinn m dheidhinn
seòrsa dannsa fo-thalamh le fuaimean gu tur eadar-dhealaichte. Chan eil
an t-eagal oirre a bhith a cluich le diofar stoidhlean electro-chilled-house,
ach tha an loidhne beus dìreach sònraichte!! Smaoinich air an
druma beus cumhachdach air an cuairteachadh le fuaimean draoidheil electronicach,
tha thu ann an nèamh nan neach-dannsa! Ruig an cd mu dheireadh aca "movements"
a-mach a' Ghiblean am bliadhna agus tha e dìreach eireachdail. Tha an
da phort "In White Rooms" agus "Darko" dha dhe na fheadhainn
as fheàrr leam, fior fior mhath. Ann an dòigh tha mi a smaoineachadh
gu bheil seòrsa maiseach-diomhair ann an cd seo, ma tha thu ga thuigsinn.
Is e rud fior a th'ann, gu bheil tàlant aig an dithis seo airson stuth
electronicach, tha mi duilich Mylo ach tha thusa nad phàiste ri thaobh
Booka Shade. "Movements" , thalla is cheannaich e is gheibh thu a-mach
tu fhèin. tìoraidh!!!




