Skip to content

Artaigeal le: Joe Bennett

Còmhlan Ciùil Ulapuil

Mu bhliadhna air ais thòisich còmlan ciùil ann an Ard sgoil Ulapuil, leis an ainm “The Dysfunktionals”. Tha sianar anns a chòmhlan agus tha iad a’ cluich innealan ciùil eadar-dhealaichte. Bidh Matt a’ cluich an giotar, Bidh Ryan a’ cluich an giotar beus, bidh hamish a’ cluich na fìdhle agus an “jembe”, bidh Seonaidh a’ cluich na fìdhle, bidh Anndra a’ cluich na drumaichean agus bidh Ruaraidh a’ cluich na pìoba, a’ phìob bheag, druma beag (Bodhron) agus na spàin.

Bidh iad a’cluich ceòl tradiseanta còmhla ri giotar, giotar beus agus drumaichean. Nuair a thàinig iad comhla airson a’ chiad turas bha iad a’ cluich ciùil aig daoine eile ach a-nis that iad a sgriobhadh an ceòl aca fhèin.

Chluich iad dà thuras aig consairt “Croft No.5”, ‘s e seo comhlan ciùil eile a tha a’ cluich an aon seorsa ceòl ri na “Dysfunktionals” ach tha “Croft No.5” nas sine. Mu sheachdain air ais rinn consairt airson airgid a chur ris an “Tsunami appeal” Tha buill a chòmhlan uile mu shia bliadhna deug a dh’ aois agus tha iad nas fheàrr na tòrr chòmhlan eile.

Aig deireadh na bliadhna seo bidh dhà no trì de na còmhlain a’ fagail an sgoil, chan eil fios agam dè thachras ris na “Dysfunktionals” an uairsin.