Artaigeal le: Pavlos
Dàimh
Nuair a ràinig sinn aig an t-sabhal mhòr (togalach Àrainn Chaluim Chille) cha
do smaoinich mi gun dh' fheumadh mi a ruith a-steach cho luath airson sèithear!
Bha e cho trang le Sgitheanaich agus luchd turais agus daoine cuideachd
bho an tìr mhòr. 'S e an àireamh as motha a bha aca aig an t-sabhal mòr airson
consart. Cha robh càil a fhios agamsa de bha ri thighinn oir cha robh mi eòlach
air an ceòl aca idir. 'S e còmhlan cùil traidiseanta a th' ann an Dàimh ach le
dòigh ur is pearsanta. Bho toiseach an consart bha 200 casan a bhualadh an ùrlar
còmhla ri na 10 casan aig an band fhèin. Le fuaim òg, ur, neart-mhòr, fireann,
tha e ceòl glè mhath airson dannsa agus cuideachd glè mhath airson a suidhe
sìos, neo a gabhail beagan fois agus ag èisteachd ris.
'S iad Aonghais
MacCoinnich air na pìoban border agus air a' phìob mòr, Gabe Mavarish air an
fidheall, Ross Martin air an giotàr, Colm O’ Rua air an banjo agus mu dheireadh
Seumas Bremner air an bodhran. Tha iad uile cluicheadaran ainmeil leotha fhèin
ann an saoghal nan ceòl bho difear àiteachan san t-saoghal (Mabou-Canada,
California, Èirinn) tha iad a tighinn ri chèile agus dèanamh rudeigin
sònraichte, fìor mhath.
Tha na pìoban border aig Aonghais a toirt dhuin
fuaim saidhbhir sònraichte agus is e sin a tha a cumail a h-uile càil ri chèile
airson fuaim rèiteach a dhèanamh.
'S e Pirates of Puirt an t-ainm air an
cd ur aca agus tha mi dhen dùil gu bheil e fìor mhath. Thalla a-mach is
ceannaich e!!
Ceangal: www.daimh.net




