Skip to content

festival crowd

Fèisean Ciùil Albannach 2008

Tha fèisean ciùil a’ fàs nas cumanta agus nas coiteanta agus gach bliadhna tha fear ùr a’ nochdadh ach tha droch naidheachd againn dhuibh … chan eil an Skye Music Festival a’ tachairt am-bliadhna idir. Nuair a nochd an Skye Music Festival an toiseach, bha daoine a’ tighinn bho air feadh Bhreatainn gu strup-adhair Aiseig airson ceòl math, adhar glan, agus seallaidhean mìorbhailleach ach às dèidh do Rock Ness a bhith a stèidhicheadh faisg air Inbhir Nis bha taghadh aig na daoine eadar an dà fhèis agus an-uiridh cha do nochd gu leòr dhaoine idir airson fèis eile a chumail am bliadhnasa.

Ach chan eil sibhse airson cluintinn dè nach eil a’ tachairt, a bheil?! Am bliadhnasa tha fèisean ciùil a’ tachairt anns gach ceàrn de dh’Alba…

Airson Barrachd fios air na còmhlain a tha cluich air gach latha, lean an ceangal seo. 

GU TUATH:

Hebridean Celtic Festival

18-19 An Iuchar

Tha an Heb-Celt Festival a’ tachairt shuas aig a’ Chaisteil a-rithist le Bodega, Four Men and a Dog agus na Saw Doctors a’ cluich.

Ceòlas

6-7 An Iuchar

Tha Ceòlas a’ tachairt ann an Uibhist a Deas cuideachd ach an àite teantaichean mòra le còmhlain “ainmeil” tha Ceòlas a’ toirt dhuinn blas air mar a bha gnothaichean mus do nochd an “Top 40” le ceòl beò a’ tachairt anns gach taigh shìnnte agus cèilidh anns gach baile tron seachdain. Rach an seo ma tha thu lorg fèis math Albannach san seann nòs!

Stoneaven Folk Festival

10-13 An Iuchar

Ma thèid thu gu Stonehaven (faisg air Obar Dheathain) airson am Fèis Folk chì thu eòlaichean Folk mar Eddi Reader agus The Battlefield Band cuide ri achd neo dhà ùr mar Rachel Unthank & The Winterset, còmhlan a tha air a bhith dol airson nas lugha na dà bhliadhna ach tha iad a’ fàs gu math coiteanta agus gu math luath!

Rock Ness

7-8 An t-Òg Mhios

Tha Rock Ness air a-rithist am-bliadhnasa agus tha clàr-ama math aca cuideachd eadar ceòl “ceart” mar The Editors agus The View cuide ri DJs mar Fat Boy Slim agus Felix Da Housecat. ’S e seo an Line Up as fheàrr às dèidh T in the Park agus nan robh airgead no caraidean agam bhithinnse a’ dol ann ACH bha daoine a’ gearrain nach robh gu leòr àite ann dhan a h-uile duine an-uiridh ’s ma tha sibh ann, dèan cìnnteach gun nochd sibh tràth airson faighinn a-steach dha na teantaichean as lugha.

Loopallu

19-20 An t-Sultain

Gun Chlàr-ama …… fhathast!

Belladrum Tartan Heart Festival

8-9 An Lùnastal

Gun Chlàr-ama …… fhathast!


GU DEAS:

Knockendorrach World Cèilidh 

22-25 An Cèitean

Chì thu cruinneachadh de na h-ainmean as motha ann an ceòl Saoghalach (World Music) aig Knochengorrach faisg air Dùn Phris le còmhlain Albannach mar na Peatbog Faeries agus Capercaillie cuide ri còmhlain bho air feadh an t-saoghail mar Luisito Quintero (New York) agus Orkestra Del Sol (eh… Dùn Èideann).

T in the Park

11-13 An Iuchar

Mur eil thu air cluintinn mu dheidhinn T in the Park ron a seo, feumar gu bheil thu bodhar. Tha e fàs nas motha gach bliadhna agus am-bliadhna seo tha iad a’ toirt a-steach daoine airson càmpadh Oidhche Dhairdaoin a-nis airson an deireadh-seachdain as fheàrr ann an Alba! Tha barrachd air 65 còmhlan air a h-ainmeachadh air a shon mar-tha agus tha barrachd ri tighinn! Tha Rage Against The Machine a’ cluich còmhla a-rithist agus chan eil sinn a’ smaointinn nach bi cothrom eile agaibh airson an còmhlan sònraichte math seo fhaicinn a-rithist.

Hawick Reivers Festival

21-23 Am Màrt

Gun Chlàr-ama …… fhathast!

Burns an’ a that!

17- 25 An Cèitean

Tha mi a’ smaointinn gum bi barrachd bàrdachd na ceòl againn an-seo… ach chan eil sin a’ ciallachadh gum bi e dona! Gun chlàr-ama …… fhathast!

The Wickerman Festival

25-26 An Iuchar

Gun Chlàr-ama …… fhathast!

Lomond Folk Festival

25-27 An Iuchar

Gun Chlàr-ama …… fhathast!

Big Tent Of Stewardship

26-27 An Iuchar

Bithidh King Creosote and the Fence Collective, agus na Peatbog Faeries aig an fheìs seo ann am Falkland, Fìobha. Tha am fèis seo a’ tachairt airson aire a thogail air an àrainneachd.

Live At Loch Lomond

2-3 An Lùnastal

Tha na Sex Pistols gu bhith a’ prìomh achd aig an fhèis seo ach ma tha e sian coltach ri mar a bha e an-uiridh, cha b’fhiach e a bhith dol ann. Tha an càmpadh aige faisg air dà mhìle air falbh bhon Raon-Cluiche agus cha tug iad mòran feairt ri Slàint’ ’s Sàbhailteachd nas motha. Bùrach.

Mull Of Kintyre Festival

21-24 An Lùnastal

Gun chlàr-ama …… fhathast!

Wizard Festival

22-23 An Lùnastal

Gun chlàr-ama …… fhathast!

Connect

29-31 An Lùnastal

Gun chlàr-ama …… fhathast!

Retrofest

30-31 An Lùnastal

’S dòcha gum biodh seo nas freagaraiche airson do phàrantan na sibh fhèin ach an seo chì thu na Bangles, Kim Wilde, Boy George agus Bucks Fizz… agus ma bha sibh dol a chuir gin de na h-ainmean tha sin a-steach do Ghoogle tha mi cinnteach ma nochdadh tu ann gum biodh tusa an duine as òige!

The Hairth Festival

19-20 An t-Sultain

Gun chlàr-ama …… fhathast!

Tarbert Music Festival

19-21 An t-Sultain


Gun chlàr-ama ach tha mi cinnteach gum bi The Lemmings a’ cluich ann agus ma tha sibh airson faicinn cò ris a tha iad coltach theirig gu youtube.com/sgleog airson na bhideothan aca!

Callander Jazz and Blues Festival

3-5 An Dàmhair

Ma tha thu nas coltaiche ri Howard Moon na Vince Noir, seo am fèis dhutsa!

Airson Barrachd fios air na còmhlain a tha cluich air gach latha, bruth an seo: Liosta Na Fèisean