Na Fèisean: A’ bhliadhna a’ chomharraicheas Alba cultar na Gàidhealtachd
Am bliadhna a thaobh ceòl agus fèisean tha sinn gu math fòrtanach a bhith a’
fuireach ann an Alba gu h-àraidh anns a’ Ghàidhealtachd. Tha an t-uabhas de
fhèisean a’ tachairt air feadh Alba agus bidh sinn a’ faicinn tàlant ciùil aig
diofar cuirmean-ciùil.
An seachdain seo air Dihaoine 25mh den Cèitean
agus Disathairne 26mh den Cèitean bidh Kasabian, Primal Scream, Mylo, Calvin
Harris agus an leithid a’ cluich anns an Eilean Sgitheanach mar phàirt den Skye Music Festival
agus tha fathannan a’ dol timcheall gum bi tòrr “celebreties” a’ tighinn dhan
eilean.
Dà sheachdain às dèidh seo bidh Rock Ness a’ tachairt ann an
Inbhir Nis air an 9mh den t-Ògmhios agus 10mh den t-Ògmhìos. Tha liosta de
chòmhlan-chiùil ann a tha mìorbhaileach fhèin math. Bidh Chemical Brothers, The
Charlatans, Manic Street Preachers, Daft Punk agus Groove Armada a’ nochdadh air
a’ phrìomh àrd-ùrlar.
Air an 22mh den t-Ògmhios agus 23mh den t-Ògmhios
bidh fèis gu math diofraichte agus sònraichte a’ tachairt anns an Aghaidh Mhòr.
‘S e fèis taobh a-muigh far am bidh ceòl, spòrs agus stuth àrainneachd a’
tighinn còmhla. Bidh KT Tunstall, King Creosote, Idlewild, Willy Mason agus
Julie Fowlis am measg nan daoine a bhios a’ cluich aig The Outsider
Festival. Abair cothrom am bliadhna a bhith a’ feuchainn fèis ùr agus
spòrsail. Tha mi an dòchas gum faigh mi tiocaid airson a dhol ann!
Eadar an 11mh den Iuchair agus 14mh den Iuchair bidh Hebridean Celtic Festival
a’ tachairt anns na h-Eileanan Siar. ’S e fèis mhòr a tha a bhith ann a-nis
airson 11 bliadhna. Am bliadhna bidh The Proclaimers, Moving Hearts agus Peatbog
Faeries a’ cluich còmhla ri iomadh còmhlan-ciùil eile. Thèid ann ma tha sibh ann
an Steòrnabhagh - bidh e dìreach sgoinneil.
Seo agaibh cuideigin eile a
bhios a’ tighinn dhan Gàidhealtachd am blidhna – Sir Elton John! Bidh e a’
cluiche ann an Inbhir Nis aig Tulloch Caledonian Stadium air an 15mh den Iuchair
mar phàirt den InvernessFest. Tha an fhèis seo a’ tighinn a-mach à Fèis mòr ann
an Dùn Èideann. Bidh Inverness Tattoo agus Geamannan
Gàidhealach Inbhir Nis a’ tachairt mar phàirt den InvernessFest cuideachd.
A-mach às a’ Gàidhealtachd bidh cuirmean-ciùil a’ tachairt cuideachd.
Saoil am faigh sibh tiocaid airson T in the Park? Chì sibh Kings of Leòn, Scissor Sisters, Arcade
Fìre, Razorlight, Snowpatrol agus na Killers. Tha liosta de chòmhlan-chiùil
sònraichte aca mar as àbhaist agus tha an liosta seo fada dha-rìreabh. Bidh an
fhèis seo a’ tachairt eadar an 6mh den Iuchar agus 8mh den Iuchar ann am Peairt.
Seo feadhainn de na fèisean agus tachartasan a bhios ann eadar a’
Cèitean agus an t-Iuchar. Cùm ur cluasan fosgailte air sgàth ’s gum bi tòrr
rudan eile a’ tachairt nach b’ urrainn dhuinn cuir air an liosta seo. Tha fios
agam nach bi mi aig a h-uile fèis seo, bhithinn ann an droch staid le airgid nan
robh mi ann!! Ach ma tha sibh measail air ceòl agus spòrs tha mi an dùil gum bi
rudeigin a’ tachairt faisg oirbh a bhios freagarrach agus spòrsail.




