Artaigeal le: Tormod Dòmhnallach
Guns ’n’ Roses: Thill iad mu dheireadh!
Tha còrr is dà uair a thìde glè fhada air a dhol seachad on a dh’fhàg Bullet For My Valentine an t-àrd-ùrlar, agus tha an luchd-èisteachd a’ fàs an-fhoiseil. Ach gu h-obann, tha na solais a’ dol dheth is cha chluinnear ach drum a’ bualadh, a’ cumail ruitheam mo chridhe.
An uair sin, a-mach às an dorchadas, guth ainmeil a’ sgreuchail! “Do you know where you are? You’re in the jungle baby ……… Wake up, it’s time to die!”
Chan ann an-fhoiseil ’s a tha a h-uile neach a-nis. Rù-rà aoibhneach a’ dol le pinntean leann anns an èadhar, is a’ dortadh sìos air an luchd-èisteachd mar boinnean-uisge bho na speuran. Tha Axl Rose fhèin a’ sgaladh, am falt ruadh aige ann an dreadlocks, a’ seinn nam facal anns an òran air leth ainmeil ‘Welcome to the jungle’. Nach iomchaidh na faclan airson tachartas cho beòthail?!
Tha beagan a bharrachd air 15 bliadhna on a thàinig Guns ’n’ Roses gu cladaichean Bhreatainn air a’ chuairt mu dheireadh aca, ach tha an còmhlan ann an deagh fhoirm, is a h-uile coltais gu bheil an ‘sgioba’ ùr ceart cho math ris an sean fhear a thòiseach ann am meadhan nan 1980an. (Dh’fhalbh cha mhòr a h-uile duine a bha ann an GnR gus Velvet Revlover a stèideachadh – chan eil air fhàgail ach Axl fhèin.)

Fad na h-oidhche, tha sinn a’ cluinntinn òrain shònraichte mar ‘Sweet Child O’ Mine’ (is Axl a’ dannsadh air mullach piano mòr), ‘Knocking On Heaven’s Door’ agus ‘November Rain’ – is tha iad fhathast cho mìorbhaileach is a bha iad anns a’ chiad dol-a-mach bliadhnaichean air ais.
Chosg mi £40 air ticead (am prìs as àirde riamh a chosg mi air cuirm-ciùil!) ach b’fhiach e dha-rìreabh – tha mi glè dheònach an aon rud a chosg a-rithist ’son GnR fhaicinn.
Bha iad a’ cluich fad dà uair gu leth, is tha mi air còmhlain eile fhaicinn a chluich dìreach uair a thìde. Aon rud nach robh math, bha iad cho anmoch a’ tighinn dhan àrd-ùrlar, bha aig feadhainn de na luchd-èisteachd falbh ’son busaichean is trèanaichean fhaighinn is chan fhaca iad sian!
Dè theirinns’ dhutsa? Ma tha an cothrom agad Guns ’n’ Roses fhaicinn – ma thilleas iad a Bhreatann idir! – tha còir agad a dhol ann oir tha iad mìorbhaileach math a’ cluich beò. Aon rud ge-tà … bu choir dhut ceapairean a thoirt leat, ma dh’fhaoidte gum bi thu a’ feitheamh greiseag mus nochd iad!!




