Skip to content

Artaigeal le: Sgleog

Na Hazey Janes

hazey1'S e còmhlan-ciùil òg beothail à Dùn Deagh a tha anns na Hazey Janes, agus bha iad deònach gu leòr an cùil a chur ris a' bhaile mhòr gus consairt a chluich an Ullapul oidhche Shathairne seo chaidh. Tha Taigh-òsta Shìphort (far an robh iad) caran ainmeil oir chluich còmhlain mar Ash, Idlewild is Shed Seven an sin anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Am measg an fheadhainn a bha an lathair bha dusan neach-lagha air "oidhche nan damh", is a h-uile fear dhiubh a' cosg fèileadh is a' leum is a' dannsadh. Chan fhaca tu a leithid riamh nad bheatha! Tha mi cinnteach nach fhaca Andrew (Guth, Giotar), Alice (Guth, Giotar), Matthew (Bass) is Liam (Drumaichean, Guth) luchd-èisteachd mar sin riamh nas motha!

hazey3Cuideachd, bha balach a' cur airgead ann an inneal-sliotan fad na h-oidhche is ged a bha e cha mhòr gualainn ri gualainn ris a' chòmhlan cha tug e fiu 's sùil geur orra! Ach chan e sgrùdair math a bha ann, oir chaill e cothrom air leth gus fear de na còmhlan-ciùil as fheàrr an Alba fhaicinn.

Cò ris a tha iad coltach? Uill, tha iad fìor measail air còmhlain ainmeil Ameirigeanach mar Big Star is Buffalo Springfield - mar sin tha iad gu math binn is fonnmhor le triùir anns a' chòmhlan a' seinn còmhla, ach tha iad gu math beòthail is neartmhor uaireannan nuair a dh'fheumas iad. Thug iad taic do chòmhlain mar Astrid, Teenage Fanclub is Snow Patrol air turas cuideachd.

Chluich iad dà sheat - an darna fear na bu treasa is na bu fuaimniche na a' chiad fhear. Chuala sinn feadhainn de na h-òrain a tha air a' 'chlàran' aca - After All, Find A Way, Morning Rain agus Of My Life .

hazey4

Tha Na Hazey Janes air cuairt an-dràsta, a' cluich an siud 's an seo air feadh na h-Alba, a' brosnachadh ùidh anns a' chiad clàr aca a thàinig a-mach anns an Dàmhair an-uiridh. Bidh iad a' cluich ann an àiteachan cho fad is farsaing ri Leeds, Manchester, Dùn Deagh, Sealltainn, Paislig is Port Rìgh anns na mìosan ri tighinn.

Ma gheibh thu an cothrom bu chòir dhut am faicinn, agus cùm sùil a-mach 'son clàr singilte a bhios a' nochdadh anns a' Cheitean - theirinns' gum b' fhiach e a cheannach oir tha iad fìor mhath.

Às dèidh seo, bidh iad ag obair air album ùr agus is cinnteach gum faic thu tòrr mun deidhinn anns na mìosan is bliadhnaichean ri tighinn.

hazey2