
Josh Ritter
’S ann aig Celtic Connections aig toiseach 2004 a chunnaic mi Josh Ritter an toiseach ach an uair sin bha e ann an còmhlan Joan Baez còmhla ri Ry Cooder. Chan eil fhios agam ciamar a fhuair mi an obair aig an àm… gu h-àraidh nuair a chuala mi gur e Joan Baez a bh’ ann a thug an aire gu robh tàlant sònraichte aig Bob Dylan ’s gun tug i e fo sgiath. agus gur e Ry Cooder rìgh “slide-guitar”. 
A’ chiad turas a chuala mi an guth aige ’s e nuair a nochd e anns an t-seòmar uaine an oidhch’ ud a’ gearran, le gàire na shùil, nach robh gu leòr uisge beatha ann an Alba! Tha e air tighinn astar mòr bhon latha ud ge-tà agus a-nis tha Joan Baez a’ cur an dreach aice fhèin air na h-òrain aig Josh!
An sàmhradh sin chluich e ann an King Tuts ann an Glaschu agus ’s e bha math! Bha e na aonar, e fhèin’s a’ ghiotar, a’ cur a h-uile h-oidhirp dhan cheòl aige agus bha e soilleir don luchd-èisteachd, a bha crochte air a h-uile nòt agus a h-uile facal aige, gun robh e air a dhòigh a’ deanamh an dearbh rud a chaidh e a bhreith a dhèanamh.
Tha aon loidhne a sheinn e air an oidhche a tha fhathast nam chuimhne... (’s air an iPod agam cuideachd!): “I’m singing for the love of it, have mercy on the man who sings to be adored!”
Agus cluinnidh tu a h-uile fàcal leis a’ ghuth shoilleir dheàrrsach aige. Cuiridh ceòl Josh gàire air duine sam bith… smaoinich air seo… nuair a tha gàire air cuideigin air am fòn, cluinnidh tu sin anns a’ ghùth aca agus nuair a tha thu ag èisteachd ri Josh tha làn fhios agad gu bheil gàire air a’ ruith eadar an dà chluais! 
Anns na Liquid Rooms ann an Dùn Èideann ge-tà bha e a’ cluich le còmhlan: na càraidean as fhearr aige, agus ged a bha coltas neònach orra bha iad uabhasach math! Bha druimear ann le feusag a dh’fhàgadh Grizzly Adams eudach, bha rèibean (moustache) Dàli air am Bassist agus bha an guitarist gu math coltach ri Johnnie Two-Hats a bh’ anns a’ Mhighty Boosh airson an Iris Electroboy.
Sheinn Josh dà òran gun taic, air oidhche bheòthail cheòlmhor agus chùm e an luchd-èisteachd a’ dol le sgeulachdan agus fealla-dhà an còrr dhen ùine! Bha aon sgeul a chòrd ruim mu dheidhinn rèis bhuntata… ach fàgaidh mi sin airson latha eile.
Dh’fhuireach Josh ann an Dùn Èideann airson greis agus tha e coltach gun do dh’ionnsaich e tòrr nuair a bha e ann… tha e gu math dèidheil air uisge-beatha agus tha buaidh ceòl thraidiseanta na h-Alba soilleir anns an na h-òrain aige, gu h-àraidh le sgilean sònraichte doirbh mar ruitheam na bàrdachd àrd-mholadh a’ nochdadh anns an sgrìobhadh aige.
Bithidh cùrsa beatha sònraichte math aig Josh Ritter, tha mi smaointinn gum faic mi e a-rithist agus a-rithist! Chan urrainn dhomh bhith fàs sgìth den cheòl aige! Cho fhad ’s a tha esan deònach a bhith siubhal a dh’Alba airson cluich, bithidh mi fhèin deònach a bhith siubhal ga fhaicinn!




