Artaigeal le: Sgleog
Latha John Peel
Tha a’ chiad
“latha John Peel” a’ tachairt air an 13mh latha den Dàmhair. Bidh Rèidio a h-aon
a’ cur air dòigh consartan agus cuirm-ciùil air feadh na dùthcha airson John
bochd a chuimhnicheadh. Tha consart gu bhith anns an Talla Ban-Rìgh Ealasaid II
ann an Lunnainn an oidhche ro Latha John Peel agus tha na Super Furry
Animals, New Order, The Fall, Laura Cantrell,
Misty in Roots, Venetian Snares, agus Jawbone
uile a’ cluich.
Chaochail John Peel anns an t-samhradh fhad ‘s a bha e air làithean saora ann am Ameriga a-deas. Bha e air an t-uamhas obair a dhèanamh airson ceòl nuair a bha e ag obair aig Rèidio a h-aon airson còrr is fichead bliadhna.




