Skip to content

Artaigeal le: Gordon

Lily Allen – Cò i, co-dhiù?

lilyAllen3Beagan sheachdainean air ais, ràinig Sandy Thom àireamh a h-Aon sa phrìomh dà fhichead. A-nis, tha nighean òg eile air sin a dhèanamh. Ach cò tha ann an Lily Allen??

Rugadh Lily ann an Lunnainn ann an 1985, is tha a h-athair, Keith Allen, na cleasaiche ainmeil. Bha a teaghlach a’ gluasad gu math tric fhad ’s a bha i òg, is mar sin cha d’rinn i uabhasach math san sgoil, ged a chòrd e rithe.

Tha tòrr chòmhlan-ciùil air buaidh a thoirt oirre, leithid The Streets agus Scissor Sisters. Ach is toil leatha sean còmhlain mar Blondie, T-Rex agus The Clash. Ach ’s e reggae an rud as motha a tha cur dath air a cuid ceòl. Tha i a’ togail shampaill bho òrain reggae is gan cur gu feum ann an dòigh ùr.

Mar iomadh duine òg’ eile, tha i measail air Eastenders, Corrie, Big Brother agus, 24 agus CSI.

Tha i a’ seinn ann an guth binn mu na tha i a’ faicinn air na sràidean timcheall oirre, mu caileachan a’ coiseachd dhachaigh le maileadan bho Tesco agus mar a bhris i fhèin is balaich an àirde. Ach tha i ga dhèanamh ann an dòigh a tha sealltainn gu bheil i gu math làidir is misneachail na bheachdan.

lilyAllen2Tha an t-òran ‘Knock ’Em Out’ air leth èibhinn, is e air a sgrìobhadh bho thaobh nighean ann an club no taigh-seinnse a tha feuchainn ri balaich ghorach a sheachnadh. Is cinnteach gum bi feadhainn dhuinn a’ cleachdadh nan leisgeulan.

Nochd ‘Smile’ aig mullach a’ phrìomh dà fhichead, is Lily a-mach air balach a tha air a’ bhrog a thoirt dhi. Ged a tha i a’ faireachdainn ìosal mu dheidhinn, tha i dìreach a’ cumail oirre le snodha-gaire air a h-aodann, is a caraidean a’ toirt taic dhi.

Feuch thusa ri sùil a thoirt air a blog air an làrach-lìn, gus am faic thu na sgrìobh i mu ball-coise, Cupa na Cruinne agus a’ Ghearmailt. Chan ann tric a chì thu beachdan cho adhartach sin!

Tha e coltach gum bi i timcheall fad bliadhnaichean – ma dh’fhaoidte nach bi i ainmeil agus anns na charts – ach bidh i an còmhnaidh a’ cruthachadh ceòl ùr às na tha i a’ faicinn.

Gheibh thu tòrr fiosrachaidh mu deidhinn air an làrach-lìn aice, ’s e sin: www.lilyallenmusic.com.

Agus tha sinn gu mòr an comain ’son nan dealbhan.