Theid Dhan Taigh Beag Mus Fàg Thu An Taigh!! T In The Park 2007
A h-uile bliadhna tha daoine bho air feadh an t-saoghail a’ siubhal gu Balado airson T in the Park. Ceòl agus spòrs airson a h-uile duine. Gach bliadhna, tha còmhlain ùr a’ nochdadh, tha barrachd dhaoine a’ dol ann agus am bliadhna-sa fiù ’s, dh’fhàs e latha nas fhàide cuideachd.Ach faodaidh tu a bhith cinnteach mu dheidhinn rud neo dhà. Mas e ’s nach eil thu cho fortanach gu bheil thu a’ cluich aig an fhèis, bidh thu fuireach ann an teanta, a-measg nam mìltean de theantaichean làn dhaoine agus uaireigin thairis air na ceithir làithean, bidh feum aig a h-uile gin aca dhol gu na Portaloos. Tha am Biadh dol a bhith daor agus mar is trice dona dhut.
A h-uile bliadhna tha mi a’ coiseachd faisg air mìle eadar an càr agus an campsite fo tuna do bhagaichean ’s teantaichean, mo làmhan a’ fàs purpaidh ‘s cuisleachan a’ priobadh a-mach taobh m’amhaich. Agus aon uair ’s gum faigh mi ann, chì mi gu bheil mi air rudeigin fhàgail aig an taigh agus nach eil feum agam air leth den stùth a shlaod mi thairis mìle de mhointich! Às dèidh mo threas T in the Park, tha aon rud air fàs soilleir. Tha mo chuimhne dìreach damaite.
Mar sin tha mi air liosta a chur ri chèile airson ’s nach diochuimhnich mi sian an ath-bhliadhn’!
MUS FALBH THU GE-TÀ…
Tha e math a bhith ann am buidhean do charaidean nuair a tha thu aig T in the Park agus ’s e an dòigh a b’fhasa a bhith ga lorg ’s e a bhith fàgail do dhachaidh còmhla agus a’ siubhal ann còmhla. Ma tha gu leòr agaibh ’s dòcha gum biodh e na b’fhasa bus fhaighinn air mall. Sin a rinn sinne am bliadhna-sa agus bha sinn fortanach gun do dh’fhàg sinne Glaschu aig seachd sa mhadainn. Bha daoine a dh’fhag nas anmoiche na sinne a’ toirt suas ri 12 uairean a’ siubhal ann!
Ma tha thu a’ toirt càr leat, feuch nach dèan thu an aon rud a rinn mo bhrathair ’s cuimhnich far an do dh’fhàg thu e! Tha barrachd air aon raon-paircidh ann, agus dèan cinnteach nach cleachd thu Bhan Geal airson landmark!! Tha ceudan do bhanaichean geal dol a bhith aig fèis sam bith agus faodaidh iad gluasad!!
Siubhal ann neo às!
• Siubhal ann le do chàraidean bhon dachaidh agus Fàg tràth!
• Cuimhnich far an do dh’fhàg thu an car
• Sleideag-sneachd airson slaodadh stuth bhon char dhan campsite.
FOILLEASACH ACH CUDTHROMACH!
TeantaPoca Chadail
Tiocaid
Dh’fhaodadh tu a bhith dol gu fèis gun sian ach teant agus poca chadail ach bhitheadh an t-acras ort gu math luath, bhitheadh saf laidir fo d’achlaisean agus bhitheadh feum agad air na Smàlaich fhònadh airson do chasan a bhristeadh a mach às na brogan agad!
Ma tha thu airson ’s gum bi fèis chomhurtail agad tha feum agad air a dhà no thri rudan a bharrachd a thoirt leat. ’S e seo nuair a tha e math siubhal dhan fhèis le buidhean mhòr de charaidean!!
CUIMHNICH CUIDEACHD:
POCA AN TAIGH BEAG!
• Babywipes (chan fhaigh thu fras aig fèis idir!)
• Stuth Fiaclan,
• Botail uisge
• Searbhadair
• Pàipear airson an taigh beag!!
Nuair a tha 60,000 daoine a’ cleachdadh na h-aon portaloos tha e cudromach a bhith deiseil airson na trioblaidean a bhitheas nad choinneamh! Ma tha FEUM ort air na “taighean beaga” a chleachdadh feuch gun cùm thu suil a-mach airson an làraidh a bhitheas a’ dol timcheall gar fhalamhachadh. ’S e seo an t-àm as fheàrr. Chan eil mi breugaich nuair a chanas mi gu robh an stuth a bha anns a’ phoit, a’ seasamh nas àirde na am poit fhein! Dèan cinnteach gun tèid thu dhan taigh beag mus fhàg thu do dhachaidh!
ITHE!
• Biadh: Faodaidh tu Biadh mar hama ‘s uighean a bhruich mus falbh thu
airson tòrr airgead a shàbhaladh: Ceannaich rollaichean, measan, cnothan, crispichean agus seoclaid! Tha tuba plastaig math airson am Biadh agad (agus rud sam bith eile) a chumail tioram.
• Uisge!!
AODAICH!
Chan eil e dèanamh diofar do dhuine sam bith aig fèis cò ris a tha d’aodaich coltach ‘s mar sin fàg na Guccis aig an taigh agus beir air…
• Paidhir Bhòtanan neo seann brogan spòrs
• Seacaid Uisge (fear aotram)
• Geansaidh blath (le hood airson an oidhche)
• Ad – Bidh thu call 1/3 de bhlàths do chorp troimh mullach do cheann. Mar is trice tha e fuar air an oidhche agus nì ad diofar mhòr. Ma tha an tìde math tha ad greine math a bhith agad! Cumaidh e a’ ghrian air falbh bho do shùilean agus cha losg e cùl do chluaisean!
• Tòrr Stocainnean. Tha e uabhasach cudromach do chasan a chumail
tioram!
• Drathais: roghainneil.
Am Baile Theantaichean
• Toisich baile beag dhuibh fhèin. Ma chuireas sibh uileag do theantaichean suas le na dorsan agaibh a’ coimhead air a chèile bithidh e nas sàbhailte ann am buidhean agus bithidh e nas fhasa grunn de theantaichean a lorg na dìreach aon fhear. Tha bratach neònach math airson seo cuideachd!
• Seidhir: Chan eil thu dol a sheasamh airson ceithir làithean idir! Cosg £5 air seidhir iasgach airson do thòn a chumail tioram!
• Am Partaidh Teant: Ma tha seann teant agaibh bheir am pìos a-muigh leat airson àite far am faod sibh a dhol am falach nuair a tha an t-uisg’ ann!
• Lampa Paraifean. Às dèidh an achd mu dheireadh bithidh a h-uile duine a’ tilleadh dhan campsite dorcha agus tha lampa paraifean an dearbh rud a tha dhìth oirbh!
STUTH EILE:
• Fònaichean LàimhAn-uiridh bha àitichean ann far a dh’fhaodar do dhaoine na fònaichean aca a chur a dhealanachadh saor an-asgaidh ach am bliadhna-sa bha aon teant beag ann agus bha feum agad paigheadh air a shon. Faodaidh tu seo a dhiùltadh ma bheir thu leat na seann fònaichean làimh agaibh agus a bhith glusad an cairt Sim agad mun chuairt. Seall cho glic ’s a tha mi!
• Bataraidhean:
Chan e sanasachd a tha seo idir ach tha an Duracell Tent Mìorbhailleach!! Thoir na seann bhataraidhean agaibh dhan an teant tha seo agus bheir iad dhùt feadhainn ùra… ge bi de cho sònraichte/cosgail sa tha iad!
• Glainne
Airson slainte is sàbhailteachd chan fhaod thu bhith toirt glainne a-steach gu T in the Park. Mar sin faodaidh tu stuth a chur ann am botail plastaig. (A-rithist dèan seo aig an taigh!)
• Sreang!:
Anns na làmhan cheart, ’s e rudeigin uabhasach feumail a th’ ann an sreang! Tha e cho feumail gu bheil mi dol a dhèanamh artaigeal eile mu dheidhinn cho cuideachail ’sa tha e!
Ma tha thu air tiocaid fhaighinn airson an Fhèis an ath-bhlidhn’, tha e coltach gu bheil làn eòlas agad ciamar a bhios tu faighinn deagh spòrs! Ach, tha mi ’n dòchas gun cuidich an liosta seo sibh le solas, biadh agus blàths agad. Agus, tha mi ’n dòchas gum bi cuimhne agamsa air cuideachd!




