Malcolm Middleton airson Àireamh a h-aon.
Chan eil fhios am mu ur deidhinn-se ach tha mise seachd sgìth dhan t-saoghal-choimeirsealta a tha air greim fhaighinn air àm na Nollaig. Tha e cho follaiseach ’s a ghabhas ann an ceòl, agus gu h-àraidh an Top 40. Chleachd e bhith gun robh an clàr a fhuair gu àireamh a h-aon aig àm na Nollaig math, no cumhachdail, no fiùs Nollaig-each. Ach a-nise, tha sinn beò ann an saoghal X-Factor, agus tha Breatainn gu lèir air tuiteam fo bhuaidh Simon Cowell. Chan eil annainn ach Robots.
Stad ged-tà. Tha Malcolm Middleton air tighinn agus tha e airson an Nollaig a shàbhaladh. Tha an clàr ùr aigesan a-muigh an-dràsta, a’ strì an aghaidh an fhir a bha siud a bhuannaich X-Factor¬, Leon. Agus ma tha ùidh sam bith agadsa ann an rudan math a bhith buannachadh an aghaidh rudan làn olc (tha sin ceart, tha an Leon beag bochd ud làn olc) feumaidh sibh an clàr aig Malcolm Middleton a luchdachadh a-nuas. ’S e òran math a th’ ann cuideachd le teachdaireachd uabhasach cumhachdail agus freagarrach airson àm na Nollaig. ’S e We’re all going to die ainm an òrain, agus seo a’ chiad rann:
We're all going to die and what if there's nothing
We'll all have to face this alone
There's a when not an if inside everybody
Mortal thoughts like this can make you feel so alone.
Èibhinn eh?
Chaidh
mise mi fhèin a dh’ fhaicinn Malcolm Middleton aig an ABC ann an
Glaschu bho chionn ceala-deug agus tha e math a bhith faicinn duine gu
math gruamach agus brònach a’ seinn òrain ghruamach agus bhrònach le
fonn a tha dòigheil agus togail d’ inntinn. Chleachd Malcolm, no Calum
ma tha sibh ag iarraidh, a bhith cluich anns a’ chòmhlan Arab Strap,
agus ged a tha e air a bhith timcheall airson faisg air 15 bliadhna
chan eil e air mòran cliù fhaighinn chun an latha an-diugh. Tha e ag
obair air a’ cheathramh LP air a cheann fhèin an-dràsta agus bhitheadh
e siubhal air feadh an t-saoghal le Arab Strap. Is mar sin tha e gu
math eòlach air mar a tha gnìomhachas a’ chiùil aig obair. Agus dìreach
mar Belle & Sebastian ann an 1998, nuair a bhuannaich iadsan am
Brit Award an aghaidh Steps, dh’fhaodadh sinn rudeigin reubaltach,
èibhinn agus eachdraidheil a dhèanamh le bhith a’ cur Malcolm Middleton
gu àireamh a h-aon airson na Nollaig.
Siuthadaibh. Dèanaibh rudeigin feumail airson na Nollaig!
Seo far a faigh sibh e:
iTunes
http://phobos.apple.com/WebObjects/MZStore.woa/wa/viewAlbum?id=268624174&s=143444
Nokia
http://music.nokia.co.uk/IE/Product.aspx?id=OD2DI6244433
7Digital
http://www.7digital.com/artists/malcolm-middleton/were-all-going-to-die/#





