Skip to content

Artaigeal le: Sgleog

Julie Fowlis: Mar a tha mo Chrìdhe

‘S ann à Uibhist a Tuath a tha Julie Fowlis agus ‘s i aon de na seinneadairean òga as fheàrr ann an ceòl traidiseanta aig an àm seo.

Thòisich Julie a’ seinn airson a’ chòmhlain-ciùil Dòchas o chionn ghoirid agus taing do Shealbh gun do thòisich! Ged a tha Julie air a bhith a’ cluich innealan-ciùil airson bliadhnaichean cha robh i cho misneachail air seinn ach cha ghabh sin a chreidsinn nuair a chluinneas tu an clàr ùr aice.

Bidh e na iongnadh mòr mur eil thu eòlach air a h-uile òran a th’ air a’ chlàr seo, mar a tha thu air feadhainn de na clàran ann an ceòl traidiseanta ach ‘s e deagh rud an sin. Tha e soilleir gun deach tòrr smuain a-staigh chun a’ chlàr seo.

julieFowlis1

‘S e fìor deagh toisich tòiseachaidh a th’ aig Julie air a’ chlàr leis an òran “Òganaich Uir a Rinn M’ Fhagail” agus tha seo a’ siubhail tron clàr air fad. Tha “Biodh an Deoch seo ‘n Làimh mo Rùin” aon de na h-òrain as fhèarr air a’ chlàr agus tha an t-òran “Tha Mo Ghaol air Àird a’ Chuain” uabhasach fhèin math cuideachd.

Tha an clàr seo gu math furasta ri chluinneal agus tha an guth aig Julie Fowlis an aon rud. Tha e gu math tarraingeach ris na h-òigridh leis an coltais a th’ air agus feumaidh Julie fhèin a bhith gu math pròiseil air a chiad chlàr aice fhèin.

Sgòr Sgleog: 9/10