
Tha adhartasan a’ tachairt ann an saoghal ceòl na Gàidhlig an-dràsta: roc, punc, garaids, pop, ceòl math (air leth math) le barrachd dhiofar seòrsaichean a’ nochdadh fad an t-siubhal.
Tha Tim air a bhith a’ cluich ceòl bhon a bha e òg agus nuair a ghluais e a dh'Alba cha robh e dol a leigeil le canan neo iomallachas bacadh a chuir air an cuir seachad as fhearr leis.

Tim: Thoisich mi a’ cluich nuair a bha mi 8 bliadhna dh’aois agus se an Ukulele a bh’ ann oir bha mo chorragan cho bheag! Ach ghluais mi dhan giotar greis às dèidh sin agus thòisich Na Gathan beagan às dèidh sin!
Thòisich Na Gathan an-uiridh nuair a bha Tim agus Greg MacThòmais a’ beachdachadh air còmhlan-ciùil ùr Gàidhlig a’ cuir ri chèile ach bha grìtheid fhathast a dhìth orra.
Tim: Aig an tòiseach, ’s e fìor chòmhlan na balaich a bh’ ann, gun sgeul air nighean. Nuair a chuala sinn Kathryn a’ cluich air na drumaichean bha fios againn gun robh sinn ga h-iarraidh sa chòmhlan.

Mar sin tha ceathrar sa còmhlan-ciùil gu lèir: Kathryn air na drumaichean, Tòmaidh air beus ’s guth, Greg air giotàr ’s guth agus Tim air siont ’s guth.
Anns a’ Ghearran, chaidh Na Gathan air a’ chiad turas àca còmhla ri Oi Polloi agus Les Ramoneurs de Menhirs, còmhlan à Breatain Bheag.

Tim: Uill, bha trì cuirmean-chiùil againn – tè ann an Glaschu, tè ann an Obar Dheathain agus an tè mu dheireadh ann an Dun Èideann. Chuir mi litir gu Celtic Connections a’ faighneachd am b’ urrainn dhuinn cluich mar phàirt den fhèis ach cha d’fhuair mi freagairt. Mar sin, chuir sinn cuirm-chiùil fhèin air dòigh ann an Glaschu mar thachartas neo-oifigeil air iomall na fèise!
Chaidh sinn à dh’Obar Dheathain am broinn bhan a’ bhèiceir! Deagh sgeul a bha siud! Bha 18 duine sa bhan gun solais agus gun uinneag airson trì no ceithir uairean a thìde! ’S mìorbhal a bh’ ann nach robh ach dithis tinn sa bhan!

Tha Na Gathan air thighinn astar mhòr ann an ùine goirid agus tha iad air a bhith air an tealaidh mar tha.
Tim: Chlàr Rapal T.Bh sinn às dèidh coig mìosan ri chèile. Aig an àm claraidh cha tug mi mòran feart air na bha iad a’ dèanamh oir bha sluagh mòr ann agus bha sinn a’ cluich cuirm-chiùil. Nuair a chunnaic mi am prògram bha mi gu math toilichte leis.
Gheibh sibh an aithris Rapal air làrach a Bhbc:
Agus fhads a tha thu air loidhne ('s cinnteach gu bheil, ma tha thu a
leughadh seo air sgleog.com!) tha buidhnean soisealta aca air Bebo far
am faigh sibh fiosrachadh, dealbhan agus bhidiothan do Na Gathan le bhideo a rinn Sgleog dhaibh na measg!

Bìdh Na Gathan a’ cluich ann an Glaschu aig Bar Rockers air an 18mh Maigh 2008 agus cluichidh iad air Rapal T.Bh a thèid a chlàrachadh air an 29mh Maigh 2008 ann an Steornabhagh.
Gu math thèid leotha!
Raonaid Alcorn




