Skip to content

benbec_night

Benbecula Night

le Flying Fiddles, Iain Dòmhnallach, Anna Wendy Stevenson agus Will Lamb

Bìdh Colaisde Bheinn Na Faoghla, pàirt do Colaiste a’ Chaisteil, a’ gabhail pàirt ann an Celtic Connections airson a’ chiad uair bhon a dh’fhosgail e ann a 2000, anns na City Halls, Glaschu air an 17mh Faoilleach.


benbec_night2

Tha an cothrom agaibh na tàileantan ceòl traidiseanta as ùra anns na h-Uibhistean a chluinntinn leis a’ chòmhlan òg, “Flying Fiddles” cuide ri cluicheadairean ainmeil mar Anna-Wendy Stevenson, Iain Dòmhnallach agus Will Lamb: triùir luchd-ciùil a tha air an t-uamhas a dhèanamh airson ìomhaigh cheòl traidiseanta a thogail anns na h-Eileanan mar tha agus le bhith a’ teagasg anns a’ Cholaisde tha iad a’ dèanamh a h-uile sian airson an ath lìnn don dhualchas seo a chumail is a bhrosnachadh.

Tha Anna-Wendy air orcastran a stiùireadh ron an seo, sgil a tha e coltach a tha i air togail on a bhith ag obair le a sheanair Hugh McDiarmid a tha air iomadh pìos a sgrìobhadh airson orcastran thairis air bliadhnaichean agus a-nis tha Anna-Wendy a’ cumail na h- eachdraidh seo a’ dol le Flying Fiddles.



benbec_night5

Ged a tha iad òg, tha i a’ faicinn tòrr tàileant sa chòmhlan a tha tighinn air adhart fad an t-siubhal agus tha i daonnan a’ toirt misneachadh dhaibh a bhith sgrìobhadh a’ chiùil aca fhèin.

’S e Anna-Wendy Stevenson an stiùriche-ciùil airson Flying Fiddles agus tha i air fàs uabhasach pròiseil mur deidhinn bhon a thòisich i ag obair còmhla riutha ’s tha i a’ gealltainn ceòl sònraichte math dhan a h-uile duine a nochdas air an oidhche.

benbec_night4

Tha na fidhlearan seo sàr math air cluich an-dràsta agus chan eil iad fiù ’s ochd bliadhna deug a dh’aois … smaoinich dè cho math sa dh’fhaodadh e a bhith, a’ bruidhinn ri càraid ann an dèich bliadhna ’s a bhith ag ràdh gum fàca tu iad nuair a bha iad beag?

(… agus an uair sin smaoinich dè cho math sa bhiodh e a bhith sealltainn dhaibh CD a cheannaich thu bhuaibh air an oidhche?! Bithidh iad ga chreic aig an doras!)


Sia-insert-pgs-1&4