Artaigeal le: Pavlos
Fèis
Pìobaireachd
Bha fèis pìobaireachd a' gabhail àite ann an Glaschu agus thoisich e air an
9mh latha dhen Lùnasdal. 'S e seo a' chiad fhear a bh' ann a-riamh agus bha tòrr
a' tachairt.
Bha mi fhìn shìos airson latha neo dha agus feumaidh mi a
ràdh gun robh e dìreach sgoineil! Bha e làn ceòl inntinneach, proifeiseanta bho
diofair dùthchannan san roinn Eòrpa. Chunnaic sinn an Galician gaita, na pìoban
Northumbrian , an Hungarian duda, pìoban nan Crìochan, pìoban beaga agus
chunnaic sinn tòrr dhe na pìoban mòra cuideachd.
Bha an fhèis a' gabhail
àite ann an tri diofar àiteachan timcheall meadhain Ghlaschu; Cearnag Sheorais,
an Aonaid Pìobaireachd agus an Colaisde Pìobaireachd.
Bha aithrisean bho
diofair pìobairean proifeiseanta ann gach latha aig an “international showcase”
ann an Cearnag Sheorais, bha sèasanan beò ann aig na taighean-seinnse, bha
exhibition ann agus bha fiù's “piping idol” ann!
Bha "Piping Idol" mar
co-fharpais busgadh. Faodaidh duine sam bith na pìoban aca a thoirt leotha agus
a' busgadh air an t-sràide meadhan a bhaile-mhòir. Thèid 500 not do dhuine a
thogas a mhòr chuid dhen t-airgead, is thèid an t-airgead a thogas na pìobairean
gu lèir gu carthannas Albannaich.
Bha bùithtean obrach agus aithrisean
bho pìobairean uabhasach ainmeil mar Uilleam MacCalum, Bruce Gandy agus Chris
Armstrong, a' tachairt fad seachdain. Chluich ceathrair dhe na pìobairean as
fheàrr san t-saoghail air Diardaoin 12mh anns an stoidhle aca fhèin airson a
bhuannachadh, bha iad a' cluich ann an dòigh cho eadar-dhealaichte. 'S iad
Gòrdan MacDunnachadh (dia anns an t-saoghal pìobaireachd!), Aonghais MacColl,
Jack Lee agus Bruce Gandy.
Thairis air an seachdain bha an fhèis
uabhasach fhèin soirbheachail agus a' còrdadh rium gu mòr. Mu dheireadh thall
tha fèis pìobaireachd a' gabhail àite!
Fèis Pìobaireachd




