Skip to content

Artaigeal le: Ciorstaidh Nicfhionghain

Eachdraidh – Beatha Snow Patrol!

Seo buill a’ chòmhlain

• Gary Lightbody – Seinneadair
• Marc McClelland – Cluicheadair giotar
• Iain Quinn – drumair
• Nathan Connolly – Cluicheadair giotar

Rugadh iad ann am Beul Feirste ach rugadh Snow Patrol ann an Dùn Deagh, ann an 1994, nuair a choinnich Gary agus Marc aig an oilthigh. “Our eyes met across the crowded dance floor” thuirt Gary, a’ cuimhneachadh air a’ chiad uair a choinnich e fhèin agus Marc; thòisich Snow Patrol. Uill, cha do thòisich buileach. A’ chiad ainm a thagh iad b’ e Polar Bear ach bha an t-ainm seo air a chleachdadh le còmhlan eile, le sin thagh iad Snow Patrol. Thàinig Iain Quinn agus chuir iad a-mach a’ chiad chlàr le tiotal aghaidh “Songs forPolar Bears”, ann an 1998.

Ann an 2001, chuir Snow Patrol a-mach an ath chlàr, “When It’s All Over We Still Have to Clear Up”. Choinnich iad Nathan Connolly ann an HMV agus dh’fhaighnich iad air tighinn còmhla riutha. “My mum though I was being kidnapped by rock stars”, thuirt Nathan.

Am bliadhna, chuir iad a-mach clàr “Final Straw”. Rinn seo ainmeil iad bha e uamhasach soirbheachail agus bha e glè thòcail. Tha e clasaigeach mar thà. Tha iad air chuairt ann an Ameireagaidh an-dràsta. A-nis, tha Snow Patrol ainmeil air feadh an t-saoghail.