Skip to content

spice1

Spice Girls ann am Manchester

Chrìochnaich na Spice Girls an cuairt aca ann am Manchester aig am M.E.N. Arena. Bha dùil aig mòran san t-sluagh na Spice Girls fhaicinn air an àrd-ùrlar aig 8:15f, ach cha do sheall iad gu 9:00f. Tha coltach gun robh Desperate Housewife Eva Longoria am measg an t-sluaigh, a’ coimhead a caraid, Victoria Beckham. Co-dhiù, cò nas fheàrr na gàire a chuir air mòran de bhoireannaich mì-fhoighidneach ach “Buill Òr” Dàibhidh Beckham! Stop e a cheann a-mach bho chulaibh a churtair agus theab am mullach tighinn sìos leis na sgiamhan a thàinig bho na boireannaich. Choisich e mu cuairt an àrd-ùrlair gus fhaighinn chun a chathair aige fhèin.

Thòisich na Spice Girls le Spice Up Your Life is dh’ èirich iad fon àrd-ùrlar ann an aodach òr alainn Cavalli. Chùm iad orra le òrain mar Who Do You Think You Are?, Say You’ll Be There agus Stop. Bha e annasach gun robh cuimhne aig a h-uile boireannach anns na ficheadan is deich air fhicheadan air an dannsa aig Stop, agus cha robh neach sam bith san talla nach robh a’ deanamh an dannsa a tha seo.

spice3

Bha e gu math iongantach gun e Posh Spice an Spice Girl as fheàrr leis an t-sluagh. A h-uile turas a bhiodh i a’ seinn leatha fhèin neo a’ dèanamh catwalk, fhuair i am moladh as fheàrr bhon t-sluagh.

Aig meadhan a’ chuirm-ciùil rinn gach Spice Girl nochdadh air an àrd-ùrlar leatha fhèin, ach dh’ fheumadh Victoria Beckham a bhith diofraichte.

Cheumnaich i i fhèin sìos an catwalk ann an aodach Cavalli ùr. Co-dhiù rinn Mel B is Baby Spice òrain aca fhèin. Sheinn Geri It’s Raining Men, an t-òran a rinn i airson am fiolm Bridget Jones, is bha an àrd-ùrlar làn de ghillean bòidheach a’ dannsa mun cuairt le sgàilean-uisge còmhla ri Ginger Spice. Co-dhiù chrìochnaich Sporty Spice leis an òran a b’ fheàrr, I Turn To You, a bha aig àireamh a h-aon airson seachdainnean.

Chriochnaicheadh iad an cuirm-ciùil soirbheachail le Wannabe, a chiad òran a bh’ aig na nigheannan, a dh’ fhuirich aig aireamh a h-aon airson deich seachdainnean. Cha robh dòigh sam bith na b’ fheàrr beannachadh a thoirt don luchd-leanntainn aig na Spice Girls na Wannabe a sheinn.

spice2
Le Ann Dòmhnallach