Artaigeal le: Marlene
T sa Pharc 2006
A bheil thu an dùil strùpag a
ghabhail am bliadhna? Ma tha, tha thu gu math fortanach. Reic na tiocaidean
airson an fhèis as motha ann an Alba a-mach ann an uair a thìde Dihaoine sa
chaidh! Tha seo na bu luaithe na bliadhna sam bith eile agus tha am fèis seo a'
fàs nas motha is nas motha gach bliadhna. Abair samhradh airson ceòl a tha gu
bhith ann an Alba. Tha Rèidio a h-Aon a' tighinn à Dun Deagh anns a' Chèitean
airson "One Big Weekend" a dhèanamh cuideachd. Tha sinne uile an dùil gum bi an
aimsir math a-nise!!
Bidh na Red Hot Chill
Peppers, Na Arctic Monkeys, na Kaiser Chiefs, The Who, Richard Ashcroft agus
Franz Ferdinand uile a' gabhail pàirt anns an t-strùpag aig Balado ach feumaidh
am feadhainn againn nach d' fhuair tiocaidean dìreach ga choimhead air an
telebhisean!
Airson tuilleadh fiosrachaidh thèid chun an làraich aca:




