Artaigeal le: Emma
The Wayward Boys - Dimàirt 12mh den Iuchar
Bha mi nam sheasamh ri taobh an deasca. A’ feitheamh. Fhuair mi ticead airson The Wayward Boys - a’ chiad consairt aig an Fhèis - Fèis an Eilein 2005. Cha robh mi cinnteach na bha romham, ach bha e coltach gur e deagh oidhche a bhiodh ann.
Ràinig mi leth uair a thìde tràth, agus bha tòrr dhaoine ann mar-thà! Thòisich an consairt mu ochd uairean, agus abair toiseach a bh’ ann! Thàinig còmhlan-ciùil òig “Fiddle dee, fiddle dum” dhan àrd ùrlar. Bha iad uile an sàs le Sgoil Ciùil Traidiseanta anns a’ Phloc. Chluich iad measgachadh de cheòl traidiseanta air an fhidheall, giotàr, a’ phìob, clàrsach agus air a bhogsa. Bha deagh òrain air an seinn bhuapa cuideachd, gu h-àraidh Leis a Lurgainn. Cha ghabh e creidsinn cho math ‘s a bha iad, agus bha iad uile cho òg...!
Thàinig a’ prìomh còmhlan- ciùil dhan àrd-ùrlar - The Wayward Boys. Abair còmhlan-ciùil a bh’ann! Chluich iad cèol traidiseanta air a’ mheasgachadh le ceòl jazz. Bha fidhlearan ann, dithis a’ cluich am bogsa, am measg càch. An cuala sibh ruidhle air a cluich air trombone? Uill, cha chuala mise sin nam bheatha, ach bha e annasach! Bha iad a’ cluich pìosan mar The Sound of Sleat agus Hector the Hero. Chluich iad deagh òrain, agus ‘s e The Water is Wide am pìos a b’ fheàrr leam. Thàinig dithis air an àrd-ùrlar às dèidh greis agus chluich iad saxophone is trumpet! Bha iad uile cho beòthail, agus nam bheachdsa, ‘s bochd gun robh luchd-amharc nan suidhe! Cha mhòr nach robh an cathair agam briste aig deireadh a’ chonsairt.... bha mi ag iarraidh a bhith a’ dannsa!




