Skip to content

Artaigeal le: Marlene

Na Zutons - Tired of Hanging Around

...clàr ùr sgoinneil agus cuairt air feadh Bhreatainn.

zutons1Cha chualas mòran mu dheidhinn Na Zutons aig toiseach gnothaich, nuair a thàinig iad còmhla gu h-oifigeil san t-Earrach 2002 ach nuair a thug iad a-mach clàr cho ùr agus eadar-dhealaichte sa chunnaic am prìomh da fhicheacd ann an ùine mhòr, thug iad ceòl pop gu ìre eile ann an cruth 'Who Killed the Zutons' anns an Damhair 2004. Reic an clàr 600,000 leth-bhric gus a thoirt gu àireamh 9 anns an dùthaich seo, leis na h-òrain Zuton Fever, Pressure Point agus You Will, You Won't rin cluinntin air rèidio agus telebhisein, fad is farsaing.

’S ann à baile Liverpool ann an ceann an Iar Shasainn is a tha iad: David McCabe - an t-seinneadair agus a' cluich giotar; Boyan Chowdhury - air a’ phrìomh ghiotar agus a' sèinn; Abi Harding - saxophone agus a' sèinn; Sean Payne - air drumaichean 's a' sèinn; agus mu dheireadh Russell Pritchard air bass giotar agus cuideachd a' sèinn.

'S ann a thàinig an t-ainm àraid bho ainm Bill Harkleroad, neach ghiotar bhon chòmlan Magic Band, air an robh am far-ainm Zoot Horn Rollo, neo "Zuton".

Tha Na Zutons air clàr ùr a thoirt a-mach, leis an t-ainm Tired Of Hangin' Around air an 17mh Giblean agus chaidh i sin steach aig àireamh 2 anns a’ phrìomh dà fhichead - agus ’s è a' chiad òran bhon chlàr Why Won't You Give Me Your Love. Leis an dàrna clàr nas soirbheachaile buileach, tha e coimhead coltach gum bi an còmhlan mun chuairt airson greis fhàthast agus sinne a tha toilichte! Ma thu sibh uile dèidheil air Na Zutons, tha iad air chuairt ann an Alba air a' mhìos seo fhein, a' cluiche agus bidh iad an lathair aig na h-àitean a leanas:

09/05/06 Barrowland, Glaschu
10/05/06 An Concert Hall ann am Peart
11/05/06 Am Music Hall ann an Obar Dheathain
12/05/06 An Talla Bhaile ann an Grianaig
15/05/06 An Queens Hall, Dùn Èideann

Ma tha iad faisg oirbhse - 's math as fhiach a dhol a dh' èisteach!

zutonsTitle