10mh Gearran
Seo agaibh a'
chaid latha deiseil. Cha chrèid mi cho luath 's an deach e ach bha e
miorbhallach math. Thòg mi dealbh no deich!! Chaidh mi a-staigh gu Bangalore
feasgar an-duigh, còmhla ri Kay. Chuir sin seachad an fheasgar a' dol chun na
buithtean agus a'coimhead timcheall. Chan e àite-turais a th'ann an Bangalore 's
e baile mòr mòr dha-rìreabh far a bheil a h-uile duine ag obair gu
cruaidh.
Mhothaich mi oifisean mòra far a bheil daoine le airgid ag obair agus bochdan uabhasach far nach robh airgid aig daoine idir. Chunnaic sinn an Vidhana Soidha agus 's e togalach breagha a th' ann. Bha cothrom againn bruidhinn ri na poilis an sin agus chì sibh na dealbhan air Kay (mo charaid) agus neach-poilis faisg aig an togalach. Aig deireadh an latha chaidh sinn a-mach airson dinnèir còmhla ri na caraidean aig Kay agus bha am biadh sonraichte. Bha na daoine uabhasach èolach le chèile agus le sin bha mi beagan air chaill.
11mh Gearran
Dhusig
sin car tràth sa mhadainn an-duigh. Tha turas gu bhith againn gu Kerala fad
seachdain agus bha sinn a' falbh an-diugh. Chaidh sinn à Mysore, baile mòr taobh
deas bho Bangalore. Fhuair sinn "Rick" dhan staisean treana agus mus deach sinn
a-staigh thuirt duine (coigreach) rinn- "Mysore train- it's gone." Bha an
t-eagal oirnn an uair sin gun do dh'falbh an treana tràth. Tha Kay air a bhith
an seo fad da mhìos agus ged a bha an t-eagal oirre mun treana cha do dh'èist i
ris. Choisich sinn seachad air an duine a bha a' bruidhinn rinn agus chaidh sinn
a-staigh dhan staisean. Nuair a dh'faighnich sinn ris na luchd-obrach mun treana
bha e fhathast a' ruith. Dh'innis an duine sin breugan, carson? 'S dòcha gun
robh e ag iarraidh airgead bhuainn.
Bha sinn da uair a thìde air an treana agus ràinig sinn ann am Mysore mu uair
feasgar. 'S e baile snog a th'ann an Mysore, chan eil e cho mòr no cho salach ri
Bangalore.
Chaidh sibh dhan "Maharaja's Palace" far am
b' abhaist am maharaja a' fuireach. Bha e cho breagha agus miorbhallach. Às
deidh seo fhuair sinn rick eile suas cnoc Chamundi far a bheil teampull ann agus
's e àite pilgrimage a th' ann. Bha tòrr duine ag iarraidh bruidhinn rinn agus
bha e doiribh dhomh a' tuigsinn de bha iad ag iarraidh. Bha clann ann a bha a'
faighneach airson pinn. Bha e doirbh a bhith ag ràdh "no" dhiubh. Tha mi air
tòrr bochdan fhaicinn a-nis.

Feasgar an-diugh, bha fèis solais aig a' phalace far a bheil iad a' cur tòrr solais air. Abair sealladh!! Bha daoine air feadh an àite a' gabhal spòrs, a' togail dealban agus ag ithe. Abair latha. Fhad 's a bha sinn ann dh'fhaighnich tè òg dhuinn am biodh sinn dèonach a bhith ann an dealbh còmhla rithe. Thuirt Kay "NO" ann an dòigh a bha laidir, chuir e dragh orm. Cha robh mi a' tuigsinn carson nach robh i ag iarraidh a bhith anns a' dhealbh. 'S e dùrachd cho beag a bh'ann. Nuair a dh'fhàg sinn dh'fhaighnich mi do Kay carson nach robh i ag iarraidh a bhith ann agus bha diofar adhbharan aice. A chiad dol a-mach bhiodh "queue" a' toiseachadh agus bhiodh e cho doirbh a' faighinn air falbh.
An darna adhbhar b' e rud inntinneach a bh' ann. Bha Kay ag ràdh rium "cò sinne a bhith ann an dealbh de coigrich?" Bha daoine ag iarraidh dealbh a thògail air sgath 's gu bheil sinn geal. Mar sin dheth tha e a' faireachainn mar 's gu bheil duine gar cuir air "pedestal".






