12 Gearran 2007
Dhùisg
mi cho tràth sa mhadainn an-duigh … 3.30! Tha "bandh" a'tachairt ann an
Karnataka an-duigh. De th' ann? 'S e stailc mor a th' ann a tha a' tachairt air
feadh an sgire. Tha an riaghaltas os chionn stailc mar seo agus chan urrainn
duine sam bith obair a dheanamh air an latha sin. Tha e craicte! Mar sin dheth
bha againn ri falbh uabhasach trath sa mhadainn airson faighinn thar an crioch
eadar Karnataka agus Kerala. Bhiodh an crioch a' dunadh aig 6m agus le sin
dh'fhag sinne aig 4m. Fhuair sinn a-mach à Karnataka gu Kerala ceart gu lèor
agus lorg sinn an àite fuireach againn- taigh craobh. 'S e an fhireann a th'
ann- taigh craobh le lioft. Seall air na dealbhan. Bha e sonraitche math.
'S e àite "eco" a th' ann agus tha iad a cleachdadh na lusan a tha timcheall. Chunnaic sinn lusan banana agus diofar measan. Dh' ith sinn biadh a bha cho blasda cha b'urrain dhomh creidsinn. Bha againn ri dol suas ann an lioft air choreigin agus nuair a bha sin nag iarraidh tighinn sìos bha sinn ag èigheachd. An dràsta fhèin tha mi a' coimhead air an grian a' dol fodha agus ag èisteachd ris na h-eoin. Tha mi air mo dhoigh.
13 Gearran
2007
Às deidh aon
oidhche anns an taigh-craobh ghluais sinn dhan taigh-bata an duigh. Tha Kerala
ainmeil mar àite breagha agus samhach agus 's e "back waters" aon rud ainmeil
miorbhallach san àite seo. Fhuair sinn taigh bata airson latha agus oidhche
amhain. Aig toiseach an latha chaidh sinn sios pios uisge a bha cho samhach agus
fhuair sinn biadh (lòn) air bhòrd.
Bha am biadh sgoinneil, agus bha e cho
socair agus ciùin fad an latha. Bha an t-side miorbhallach, chuir mi seachad
tòrr ùine taobh-amuigh. Chuir mi sunscream orm gus nach deach mi a losgach ach
aig a ceann thall cha d'fhuair mi clath sam bith!! Às deidh lòn chaidh sinn gu
baile beag snog far an robh na boireanaich a' dèanamh ròp a-mach à coconut
fibre. Tha an t-uabhas de coconuts ann agus tha na boireannaich a' tiormachadh
am fibre fon grian agus a' togail an fhalt (fibre) às an craichean.
Bha chlann a' cluiche cricket agus thòisich sinn a'cluiche còmhla ribh. Cha
do chluich me cricket a-riamh agus mar sin dheth cha robh mi cho math! Chunnauc
sinn temple sonraitche agus dh'fhiach mi ri craobh coconut a sreap! A-rithist
cha robh mi a cho sorbhiceal ach bha e spòrsail ged-tha. Às deidh cuairt
timicheall am baile chaidh sinn air ais dhan a bàta agus chluiche sinn
ball-coise leis a' chlann.
Air ais air a' bhàta, sheoil sinn chun an àite far an do dh'fhurich sinn fad na h-oidhche. Ro àm dinneir chaidh sinn dhan uisge agus bha sinn a' snamh fo na rionagean. Bha an t-uisge cho blàth agus cha robh sian cunnartach ann. Fhuair sinn dinneir anamach air an oidhche agus cluich sinn cairteann mus deach sinn nar leapa. Abair soar-laithean! Am bi mi ag iarraidh dol air ais? Cha bhi!






