Skip to content

14 Gearran

rachel_14mh1Latha naomh Bhalentine an-duigh agus dhùisg mi le tòrr planaichean. Gu mi -fhòrtanach cha d'fhuair mi cadal gu leòr a-raoir air sallaibh gun robh rudeigin (luch air choreigin) a' feuchainn ri tighinn air bhòrd. Dhùisg mi teas meadhan na h-oidhche le fuaim uabhasach (sgrìobadh) agus mar sin dheth bha e doiribh cadail fhaighinn as deidh duisgeadh. Bha againn ri falbh bhon bata mu 9 sa mhadainn air sgàth 's gun robh sinn a' dol à Calicutt air a' bhus. Bha an eolas seo cho èibhinn. Air na rathaidean chan eil duine sam bith a'leantainn na rialtean idir. Le sin, ma tha cuideigin a'dol sluadach tha a h-uile duine a dol seachad air a'char ge b'e de na caraichean a tha a' tighinn taobh eile den rathad. 'S e rud abhaisteach anns na h-Innseachan a bhith a' cleachdadh "hornaichean" fad na h-uine!! Chuir e dragh mòr orm uaireanan, gu h-àraidh nuair a bha sinne a'dol seachad air bus fhad 's a bha sinn aig "hairpin bend." Thachair e!!!

Ann an Calicut rinn sinn cho-dhunadh a bhith a'dol à Kannur air an trean. Chord an trean rium gu mòr. Chan eil rialtean air seo idir, tha daoine a' leum air an trean agus a' sabaid airson cathair fhaighinn. Nuair a ràinig Kay agus mi-fhein air a trean cha robh cathair air fhagail agus mhothaich mi speis air an goireas-turais sgeilp. Chuir mi am baga againn suas agus leum sinn suas.

Chi sibh anns an dealbh - bha e miorbhallach. Cho luadh 's a ràinig sinn à Kannur chaidh sinn àite-turais agus ged a bha taigh-osda againn thuirt an neach-turais gum bu choir dhuinn fuireach ann am "home stay" an àite taigh-osda.

Cha robh cail a fhios agam de bh' ann an "home stay" ach bha e saor agus bha mi toilichte fhaighinn a-mach. Chaidh sinn gu taigh a bha miorbhallach math agus bha sinn a' fuireach anns an taigh sin leinn fhèin. Bha "auntie" agus "uncle" a' fuirich ann an taigh eile a bha air cul an taigh againn. Anns na h-Innseachann tha daoine ag radh "auntie" agus "uncle" gu daoine a tha nas sine.

Chaidh sinn uile a-mach sa char airson an traigh fhaicinn. Bha a'ghrian a' dol fodha agus bha mi cho toilichte 's a ghabhas a bhith anns an àite sin aig an àm sin.


a' coiseach air an traigh nuair a bha a' ghrian a' dol fodha ann an Kannur


15mh Gearran 2007

Rinn sinn cadal fada an-duigh. Feumaidh mi aiteachadh gun robh mi uabhasachd fhèin sgith às deidh latha siubhail a bha fada. Bha auntie gar feitheamh air sgath 's gun do rinn i bracaist air ar son. Bha am bracaist sinn sgoinneil - appam, currie, idly agus chai. Tha mi a' fàs cho deidheil air chai ach tha e làn suicear agus chan eil sin cho math dhomh!! Bha plana againn a bhith a' dol gu St. Angelo's Fort, togalach sonraicte a chaidh a thògail leis na portugese. Mholadh uncle gum bu choir dhuinn dol a-staigh dhan baile airson fèis craft fhaicinn agus bha mise ag iarraidh dol dhan traigh a-rithist an-diugh.

rachel_15mhNuair a ràinig sinn am Fort bha neach-turais ag obair agus sheall esan dhuinn an àite. Fhad 's a bha sinn a' feitheamh air thàinig clasaichean sgoile seachad oirnn agus bha iad uile ag iarraidh a ràdh "hello" agus "What's your country?"

Bha am Fort inntinneach agus breagha agus chord e rium gu mòr. Às deidh uair bha againn ri falbh gus a bhith a' dol dhan fèis craft. Bha an fèis craft inntinneach ach cha do dh'fhuirich sinn fada. Bha sinn a' fàs sgith agus rinn sinn cho-dhunadh a bhith a' dol airson bidh.

San fheasgar chaidh sinn dhan traigh far an do choisich mi anns an uisge. Bha e cho blàth agus socair. Chruinnich sluagh faisg oirnn agus fhuair sinn cuireadh a-rithist a bhith ann an dealbh no dha.

Bha mi ag iarraidh a'dol a-mach a' coimhead air sean dannsa tradisiùnta - Theyyam. Chuir auntaidh agus uncal na planaichean air dòigh nuair a bha sinne a-mach tron latha agus nuair a ràinig sinn air ais aig an taigh, cha mhòr nach d'fhuair sinn fois mus deach sinn a-mach. Ràinig sinn an teampull mu 7 feasgar.

De th'ann ann an Theyyam? 'S e sean dannsa a th' ann a tha a' tachairt anns an taobh tuath Kerala. 'S e pàirt sonraichte den credeamh Hindu agus bha e miorbhallach ri fhaicinn. Tha cuideigin a' cosg custum sonraichte agus tha e ag dannsa timcheall an teampull. Nam bheachd bha an custum a' coimhead beagan eagallach ach bha an dannsa miorbhallach. Cha mhòr nach eil dannsa mar seo a' dol fad na h-oidhche ach bha t-acras oirnn agus dh'fhàg sinn mu 9 feasgar.rachel_15mh2

Fhuair sinn biadh agus chaidh sinn air ais dhan taigh. Bidh sinn a'dùiseadh tràth a-maireach.
Ma tha sib hag iarraidh faighinn a-mach mòran mu dheidhinn Theyyam put air an ceangal seo.

http://en.wikipedia.org/wiki/Theyyam