Skip to content

21-1

21

Film le Kevin Spacey. Am feum agam an còrr a ràdh? A bheil e air film dona a’ dhèanamh ron seo?

Tha Kevin Spacey a’ cluich e fhèin mar is àbhaist ach chan e rud dona a tha sin idir. Anns am film seo tha e cluich neach teagasg a tha toirt ùidh shònraichte ann am Ben Campbell, oileanach le eanchainn cumhachdail math airson Matamataics.

21_4

Ged a tha Ben sònraichte math air maths chan eil gu leòr airgead aige airson na cosgaisean sgoile aige a phàigheadh. Mar sin, nuair a tha Spacey a tighinn thuige le cothrom a bhith dèanamh barrachd airgead nas urrain dha creidsinn chan eil taghadh eile aige ach a bhith dol leis.

‘Se film tarraingeach math a tha seo, làn fiosrachadh air mar a bhios Casino’s ag obair agus gu h-àraidh an geama Blacjack far am bìdh daoine a togail cairtean agus a feuchainn air sgòr do 21 fhaighinn. Seo far a bheil na sgilean sònraichte aig Ben a tighinn a steach.

21-2

Le bhith cunntais cairtean faodaidh dha bhith obrachadh a mach cuin a tha còrr aige airgead mhòr a’ chuir air geama ’s cuin nach còir. Tha feum aige a bhith cho luath ’s nach urrain do na Croupiers a bhith faicinn gu bheil e cunntais idir. Ach leis an eanchainn sònraichte aig Ben ann an sgioba do dh’oileanaich tàlantach eile a tha fon stiùireadh aig Spacey, tha iad a bualadh air Las Vegas gu trom.

21_3

Ann an sin gu tà tha Laurence Fishbourne a coimhead a mach airson daoine a feuchainn ri ghoid bho na Casinos agus tha seo uile a dèanamh airson film làn astar agus eagal.

Film math ach chan eil e tighinn faisg air filmichean mar “The Sting”



3.5/5