8mh Gearran
A chiad latha! Tha e cho math gu bhith a' smaoineachadh mu dheidhinn na soar-laithean agam a-nis. Tha iad an-seo!! A bhon-dè dhuisg mi ann an Eilean Sgìtheanach. An-dè dhuisg mi ann an Glaschu agus a-maireach duisgidh mu ann an Dubai agus an latha as deidh sin duisgidh mi anns na h-Innsean. Abair t-siùbhal!!
An-dràsta tha mi anns a' phoirt adhar a' feitheamh agus smaoinich mi, gur e am pairt seo a tha a' cur dragh are daoine - 's e am pairt strìtheadh (stressful) a th' ann. Co-dhiù bidh am pleana agamsa a'falbh aig 13.45 agus 's e sin dìreach da uair gu leth agam ri feitheamh.
'S e am fada a th' ann a bhith air a pleana 'son seachd uairean. Cha mhòr nach eil sin ann an Dubai fhad ' s a tha mi a' sgrìobhadh seo. Tha mi ag èisteachd ri cèol agus a' leughadh beagan Gàidhlig.
9mh Gearran
Dhuisg mi aig sia sa mhadainn às deidh dà uair cadail air an làr den
Port-adhar eadar-naiseanta ann an Dubai. Abair class!!! Rainig mi an seo aig
meadhan oidhche agus bha da dheug uairean agam ri feitheamh!! Mar sin dheth,
rinn mi an aon rud ris a bha a h-uile duine eile, chaidh mi nam cadail air an
lar! Aig an toiseach cha b'urrainn dhomh chadail fhaighinn air an làr agus
choisich mi timcheall am port-adhar. Fhad 's a bha mi choiseach fhuair mi dà
cuireadh airson dol dhan phub. Thuirt mi "chan eil" ann an doigh modhal ach bha
mi cinnteach gum biodh seo dìreach an toiseach toiseachaidh!
Thàinig e orm
nach robh mòran daoine geal timicheall agus bha na daoine a' coimead orm.
Dh'fhàg e mi a' faireachainn mì-cinnteach agus leis na faireachainn seo, bha e
nas fhearr dhomh àite samhach fhaighinn. Lorg mi àite fasig air teaghlach agus
sin far an do thuit mi nam chadaill. Às dèidh an cadaill seo chaidh mi dhan pub
Èireanach far an d'fhuair mi dèoch laidir!
An duigh fhèin tha an t-àite a' coimhead cho diofraicte a-rithist. Thainig tòrr pleanaichean a-staigh agus 's e measgachadh de dhaoine a tha timcheall - geal, dubh, Asian, Chinese. Nam bheachdsa tha e innteanneach an doigh a dh'atharrachadh rudan eadar meadhan oidhche agus sia sa mhadainn. Gu ruige seo cha do chosg mi airgead ach airson 'Latte'. Fhuair mi bracaist de "currie" an asgaidh agus 's e eolas innteannach a bha siud! Cha bhi mi ach a' siubhal an-duigh fhathast agus le sin fagaidh mi gus a-maireach e.
Ràinig mi gu Bangalore mu 5f às dèidh flight eile a bha 3 uairean. Bha mo charaid Kay a' feitheamh orm agus chaidh sinn dhan taigh aice ann an Rickshaw. Bha e cho miorbhallach a bhith a' coimhead mu mo thimcheall a' toirt a-staigh a h-uile rud a bha a' tachairt. Tha an àite seo cho luadh!






