Skip to content

seachd top

Agallamh le Stiùiriche Seachd, Simon Miller

le Crìsdean MàcIll Iosa


Ma tha sibh a’ leughadh Sgleog gu tric (agus carson nach biodh!), tha còir gu bheil sibh eòlach air ‘Seachd – The Inaccessible Pinnacle’ – am film ùr Gàidhlig a chaidh a dhèanamh anns an Eilean Sgitheanach. ’S e rud ùr a bh’ ann airson na Gàidhlig agus mar sin bha mi gu math fortanach an cothrom fhaighinn ceistean a chur air Sìm Mac’ Mhuilleir, an stiùiriche agus sgrìobhadair air cùlaibh a’ phròiseict.

Innis dhuinn cuin a thog thu ùidh ann am film agus mar a thòisich thu sa ghnìomhachas.

Nuair a bha mi 11 bliadhna a dh’aois agus ann an sgoil ann an Baile Dhùn Lèibhe, thuirt mo thidsear rium gum bu chòir dhomh a bhi nam sgrìobhadair, ach airson adhbhar air choireigin, rinn mi a h-uile càil ach sin às dèidh a dh’fhàg mi!

Mu dheireadh thall thàinig mi dhan co-dhùnadh, às dèidh a bhith ag aisling mu dheidhinn a bhith nam stiùiriche bhon a bha mi nam ghille, an airgead a shàbhaladh airson dol gu sgoil film, agus rinn mi seo 4 bliadhna air ais. Dà fhilm ghoirid às dèidh sin agus tha a’ chiad film ‘feature’ agam deiseil airson tighinn a-mach. Tha mi a’ smaoineachadh orm fhìn mar cuideigin a tha gu math, gu math fortanach!

Am faod thu innse dhuinn mu dheidhinn an fhilm. Dè mu dheidhinn a tha e?

Tha am film mu dheidhinn gille a tha 9 bliadhna a dh’aois a dh’fheumas dol a dh’fhuirich còmhla ris a sheanair nuair a bhàsaicheas a phàrantan ann an tubaist air mullach beantainn. Thug seo buaidh mhòr air beatha a ghille agus bidh a sheanair a’ feuchainn ri chuideachadh - ach chan fhaod e ach sgeulachdan innse dha. Bidh an gille a’ lorg gu bheil barrachd cudrom aig na sgeulachdan seo na bha e an dùil an toiseach.

seachd7

Ciamar a thàinig am pròiseact seo gu bith? Cò às a thàinig an smuain?

Bha an sgeulachd an toiseach gu bhith air innse le seann duine ann am film eile. Bha sinn airson smaoineachadh air dòigh a dh’fhaodadh cuideigin a bhith 800 bliadhna a dh’aois agus bhuail sinn air an smuain gu faodadh buille-chridhe gu math slaodach a bhith aige! Tha cuimhn’ agam cluinntinn gu bheil ailbhein beò airson cho fada a chionn ’s gun robh buille-chridhe cho slaodach aige agus smaoinich mi gu faodadh an aon rud tachairt le daoine.

Innis dhuinn mar a lorg thu na h-actairean airson am film.

Bha mòran pàirtean anns am film airson clann agus pàirt mòr gu h-àraidh airson Aonghas, an gille air an robh mi a’ bruidhinn na bu thràithe. Choimhead sinn air feadh an àit’ airson na clann ceart fhaighinn airson a h-uile pàirt. Lorg sinn Aonghas mu dheireadh ann an Uibhist (Pàdruig Moireasdan, a bha a’ streap craobh nuair a choinnich mi ris an toiseach!) agus na feadhainn a bha gu bhith a’ cluich a bhràthair agus a phiuthar aige (Crisdean Dòmhnallach agus Winnie Brook Young) ann an Slèite far an robh sinn a’ dèanamh a’ mhòr chuid dhen filmadh san t-Eilean Sgitheanach. Cha robh gin dhiubh air actadh a dhèanamh roimhe seo agus mar sin, an àite coimhead air de cho math ’s a bha iad air actadh bha sinn a coimhead a-mach airson clann a bhitheadh spòrsail (agus aig an robh Gàidhlig fìor mhath).

An do chòrd e riut a bhith filmadh air an Eilean Sgitheanach? A bheil rudan mu dheidhinn a tha math, no nach eil cho math?

’S e àite iongantach a th’anns an eilean airson a bhith a’ filmadh a chionns gum bi an aimsir ag atharrachadh cho tric, agus tha an solas, gu h-àraidh san t-Samhradh, a’ toirt air a h-uile càil a bhith a’ coimhead cho àlainn. Tha binnean sònraichte (am binnean do-ruigsinneach) anns an sgriobt agus chaidh sinn suas 4 tursan airson a h-uile pìos filmadh fhaighinn dìreach ceart.

seachd 3

’S e na h-eich airson an rèis a bh’ againn an rud a bu dhuilich a bha againn ri chur ri chèile. Cha robh airgead againn airson “stunt horses” sònraichte no marcaich proifeiseanta. An àite seo, chleachd sinn eich agus marcaich bhon eilean agus air a’ chiad latha a bha sinn a’ filmadh còmhla riutha, bha e gu math gaothach agus bha droch uisge ann. Chan fhaodadh e bhith nas miosa airson na h-eich agus bha againn ri stad a chur air an fhilmadh. Gu fortanach, bha a’ ghrian a-mach a-rithist an ath latha agus chaidh cùisean gu math.

Tha mi a’ smaoineachadh gur e a bhith a’ streap sna beanntan a chòrd rium a b’fheàrr – gu h-àraidh le Pàdraig. Bha aimsir air leth math againn agus bha mi gu math pròiseil, gun robh an cothrom agam gille nach robh ach 9 bliadhna a dh’aois a thoirt suas a’ chiad Munro aige!


Airson daoine nach bi eòlach air an obair, innis dhuinn dè dìreach a bhios stiùiriche a’ dèanamh air film.

Nuair a tha filmadh a’ dol air adhart, ’s e an stiùiriche a tha an urra ris an set agus na aitean-filmaidh. Bidh e, no i, ag obair còmhla ri na luchd-cleasachd airson faighinn a-mach an dòigh as fheàrr scene a dhèanamh. Bidh iad cuideachd ag obair còmhla ri Director of Photography (a tha os cionn an sgioba camara), Production Designer (a tha os cionn a bhith a’ togail na sets agus mar a tha aitean-filmaidh a’ coimhead), agus na daoine a tha os cionn aodaich agus falt & maise.

’S e obair dhoirbh a th’ ann ann an dòigh a chionns gu bheil thu uabhasach trang tron latha (ag èirigh tràth agus a’ dol dhan leabaidh anmoch), ach tha mi a’ smaoineachadh gur e an obair as fheàrr a th’ ann oir thu a’ dèanamh co-dhùnaidhean mu dheireadh – math no dona. Agus bidh thu a’ faighinn an cothrom “cut” agus “action” a ràdh!

Dè cho cudromach ’s a tha Gàidhlig dhan film?

Chan eil mi den bheachd gum b’urrainn dhut am film seo a dhèanamh ann am Beurla. ’S ann mu dheidhinn an cumhachd a th’ aig sgeulachdan Gàidhlig is a tha ‘Seachd’ agus dh’obraich mi fhèin agus mo bhean còmhla ri 3 sgrìobhadairean Gàidhlig air an sgriobt, 3 iar-stiùirichean air an filmadh agus na luchd-chleasachd Gàidhlig airson dèanamh cinnteach gun robh am film cho fìrinneach ’s a dh’fhaodadh e a bhith.

Tha cruth-tìre agus daoine an Eilein Sgitheanaich gu math cudromach gu stòiridh am film agus chan urrainn dhomh smaoineachadh air am film ann am Beurla.

Tha e cuideachd fìor nach robh mi gu sònraichte a’ sgrìobhadh film ann an Gàidhlig na h-Alba. Cha ro mi ach airson film math a dhèanamh agus nuair a thoisich e tighinn thugam gur ann air an Eilean Sgitheanach a bha am film stèidhichte, agus gum biodh an seanair ag innse sgeulachdan eachdraidheil, cha robh roghainn agam ach gur ann sa Ghàidhlig ’s a bhiodh e.

Dè tha tachairt leis am film andràsta? Am faic sinn anns an cinema e?

Tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh airson ’s gum faigh a h-uile duine an cothrom fhaicinn. Rinn sinn cùmhnant le companaidh beagan sheachdainean air ais (aig feis filmichean Cannes!) airson gun tèid fhaicinn aig taighean-deilbh ann am Breatainn. Tha sin a’ ciallachadh gur e sinne a’ chiad film ann an Gàidhlig na h-Alba a thèid fhaicinn ann an taighean-deilbh agus tha sinn uile gu math pròiseil mu dheidhinn sin.
seachd 4

Bidh e a mach san Fhoghar agus leigidh sinn fios dhan a h-uile duine mu cuine dìreach a bhitheas e a-mach aig http://www.seachd.com.

A bharrachd air na dòighean àbhaisteach, tha thu cuideachd a’ dèanamh tòrr a thaobh margaideachd air an eadar-lion. Innis dhuinn mu dheidhinn seo.
Shaoil sinn gun robh e gu math cudromach am facal fhaighinn a-mach air-loidhne. Chan eil buidsead margaideachd mòr againn mar a bhiodh aig film Hollywood, ach tha sinn a’ smaoineachadh gun còrdadh am film ri tòrr dhaoine, nan robh dòigh aca cluinntinn mu dheidhinn. Mar sin tha sinn air a bhith ag obair gu cruaidh airson làrach-lìn gu math inntinneach agus “interactive” a chur ri chèile aig http://www.seachd.com.
Tha sinn cuideachd a’ cur chunntasan ri chèile air Myspace, Facebook, Bebo, Hi5 & Piczo. Ma tha duine airson a bhith na charaid dhan film, gheibh sibh lorg oirnn an sin!

A bheil comhairle agad airson duine sam bith a tha ag iarraidh obair ann an saoghal film?
’S e an dòigh a rinn mise e, gun deach mi gu sgoil film agus tha feadhainn ann air feadh Alba agus Breatainn. Gu tric, bidh daoine a’ dol gu oilthigh àbhaisteach an toiseach ach faodaidh tu a dhol ann aig 18 ma tha thu ag iarraidh. Lorg mise gun robh tòrr a bharrachd sgeulachdan agam nuair a bha mi rud beag na bu shine, ach ma tha ùidh agad air an taobh teicnigeach (camara, fuaim agus a leithid), ’s docha gu bheil sibh nas fheàrr a’ dol ann na bu thràithe.

’S e an rud a bu chudromaiche anns an gnìomhachas seo gum bi sibh a’ cumail leis. Chan e gnìomhachas àbhaisteach a th’ ann, agus chan eil cus obraichean ann. Feumaidh tu a bhith deiseil airson obair chruaidh.
Chan eil mise ach aig toiseach an ùine agam ann am film. Tha mi dòchasach an-dràsta gum bi am film seo math gu leòr airson ’s gum faigh mi airgead airson fear eile a dhèanamh!

Dè nì thu às dèidh seo ma tha? Am faic sinn tuilleadh filmichean Gàidhlig?
Tha mi fhathast trang ag obair air Seachd gus an tig e a-mach agus a’ feuchainn ris an ath sgriobt a chrìochnachadh.

’S e “The Last Kings of Dalriada” an t-ainm a th’ air agus ’s ann mu dheidhinn baile bheag de chlann agus aon ghaisgeach a bhios còmhla a’ feuchainn ris an Lia-Fàil (stone of destiny) a chumail sàbhailte bhon chiad Righ Albannach agus na Lochlannaich.

Tha iomadh film Gàidhlig agam nam inntinn – Science Fiction nam measg! Tha mi dìreach an dòchas gun dean Seachd math gu leòr airson ’s gum faigh mi rud beag a bharrachd airgead airson filmichean a dhèanamh a bhios soirbheachail ann an taighean-deilbh mòr air feadh an t-saoghail.

Tha mi gu math dòchasach nuair a bhios mi a’ smaoineachadh air cinema Gàidhlig. Tha an t-uamhas tàlant ann a thaobh sgrìobhadh, ceòl agus drama nach eil sinn air fhaicinn ann an taighean-deilbh fhathast agus tha mi an dòchas gu bheil Gàidhealaich òg ann a tha deònach obair gus na filmichean aca fhèin a chruthachadh.