Skip to content

be_kind_rewind-top

Jack Black agus Michel Gondry còmhla! An è aisling a tha seo no a bheil mi ann an Neàmh? Tha Jack Black uabhasach èibhinn agus tha feum agam aideachadh gur e Michel Gondry an stiùiriche as fheàrr leamsa agus innsidh mi dhuibh carson! Ann an làithean far a bheil CGI anns a h-uile film, tha Gondry a’ cumail ris na dòighean filmeadh sìmplidh mac-meanmnach a tha e air a bhith dèanamh bho thùs.

Anns an fhilm, ’s e bùth bhideo a th’ ann an ‘Be Kind Rewind’ agus tha Mike (Mos Def) a’ coimhead às dèidh na bùtha fhad ’s a tha Mr. Fletcher (Danny Glover) air falbh. Às dèidh tubaist le tòrr dealain, chaidh Jerry (Black) a ‘mhagnatised’ agus nuair a tha e dol a-steach dhan bhùth tha e a’ glanadh a h-uile film dheth bho na tèipichean ach an àite a bhith faighinn feadhainn ùra tha Mike agus Jerry a’ toirt orra fhèin na filmichean a dhèanamh a-rithist gun airgead, gun eòlas agus gun tlachd.

bekindghost

An toiseach tha iad a’ deanamh Ghostbusters le tinsel airson proton packs agus pòca phlastaic airson Slimer! Bho seo a-mach tha iad a’ dèanamh filmichean mar Robocop, Boys in the Hood agus The Lion King anns an aon dòigh agus an uair sin tha na filmichean a’ fàs gu math coiteanta leis a h-uile duine sa choimhearsnachd deònach a bhith gan cuideacadh ach an urraibh dhaibh gu leòr airgead a thogail airson am bùth a shàbhaladh?

Tha Jack Black a’ cluich e fhèin mar as àbhaist ach chan e rud dona a tha sin anns na h-àrainneachdan mìorbhaileach a tha Michel Gondry a’ cruthachadh dhuinn. Tha Danny Glover a’ dèanamh uabhasach math a’ cluich Mr. Fletcher agus cha robh mi eòlach air obair Mos Def ron an seo ach tha e cur a-steach coilionadh gu math proifeasanta.

bekindrewind-robo

Chan eil am film seo cho math ri Eternal Sunshine of The Spotless Mind ach tha e a’ sealtainn dhan t-saoghal nach eil feum againn air CGI ma tha beagan macmeanmna agaibh. Film math airson an teaghlaich.

3/5