Skip to content

bee-movie-top
Chaidh mi fhèin ’s mo phàrantan gu Cineworld far an robh iad a’ sealltainn fichead filmichean… Ach dè film a chòrdadh dhan triùir againn ge-tà? Cha robh iad ag iarraidh fo-thiotalan (17 air fhàgail), cha robh mo mhàthair ag iarraidh a bhith faicinn tòrr dhaoine a’ bàsachadh (8 air fhagail), cha robh iad ag iarraidh film mi-nàdarra nas motha - dh’fhàg sin sia agus bha mise air ceithir dhiubh sin fhaicinn co-dhiù!

Mar sin bha taghadh againn eadar Fred Claus agus Bee movie - bha sinn uile ro shean airson film mu dheidhinn Santa fhaicinn! A-nis ’s gu bheil thu air beagan ionnsachadh mu dheidhinn mo phàrantan, bu chòir dhomh tòiseachadh air an fhilm!

Ma tha thu còig no ma tha thu naochad sa coig, tha rudeigin ann dhan a h-uile duine! Tha dathan làidir ann airson clann fo aois sgoile, tha dealbhaireachd sgoinneil agus amaideas ann airson nan fheadhainn a tha anns an sgoil agus mur eil na tha sin a’ còrdadh dhan na h-inbhich cheanna, tha sgeul làidir air cùl ghnothaichean a tha dèiligeadh le dòigh beatha, gaol, obair agus cùramachas.
beemovie2

Tha Jerry Seinfeld a’ deanamh a’ ghutha aig Barry B. Benson agus tha e cluich an aon seòrsa charactar a chluich e ann an Seinfeld airson 9 bliadhna… caractair làn im-cheist a bhitheas daonan a’ ceisteachadh stùth nach eil cur dragh air duine sam bith eile ach tha esan a’ creidsinn gum bu chòir dha a bhith cur dragh air a h-uile duine. Tha e a fàgail a Hive airson a’ chiad turas agus nuair a tha e air cuairt tha e faighinn a-mach gu bheil mac an dhuine air a bhith a’ goid agus a’ reic a mhìl a dh’obraich seileannan cho cruaidh a chruthachadh.

Le beagan cuideachadh bho Vanessa Bloome (Renèe Zellweger) tha e feuchainn air na companaidhean a tha a’ reic a mhìl a thoirt dhan chùirtn ach chan eil cùisean obrachadh a-mach mar a bha e an dùil.
beemovie_mics
Film math airson a h-uile duine san teaghlach a chuireas gàire air d’ aodann air an t-slighe dhachaidh.

2.5/5