Skip to content

Bràthair Mòr

bigbrother01Tha Bràthair Mòr air a bhith ann a-nis airson dà mhìos agus tha tòrr rudan air tachairt. Bhon toiseach bha rudan connspaideach a’ tachairt. Dh’fhàg Emily an taigh air sgàth ’s gun tuirt i facal gràin-cinnidheach. ’S e rud uabhasach a bh’ ann agus mar sin dheth bha aice ri falbh. Cha robh ach boireannaich a-staigh san taigh aig an toiseach ach a-nis tha fìreannach ann cuideachd. Tha daoine ag ràdh gur e Bràthair Mòr am prògram as miosa a chunnaic iad a-riamh.

Tha cùisean air a bhith ag atharrachadh uabhasach tric ach sin mar a tha Bràthair Mòr! Dè tha sibhse a' smaoineachadh? A bheil sibh a’ cumail sùil air a’ phrògram? Nur beachd cò tha dol a bhuannachadh? Cò tha a’ cur dragh oirbh? Cuiribh beachdan thugainn! deasaiche@sgleog.com

Seo na daoine a tha a-staigh:

 Amanda: ’S e càraid a th’innte agus chaidh i a-staigh leis a’ phiuthar Sam. ’S ann à Caisteal Nuadh a tha i agus tha i ochd deag bliadhna dh’aois.  

Carole: ’S ann à Lunnainn a tha Carole agus ’s e tè beagan nas sine na an fheadhainn eile. Tha i ag ràdh gu bheil crìdhe uabhasach mòr aice agus b’ àbhaist dhi a bhith na neach-togail-fianais (no "protester" sa Bheurla).

 Sam: Tha Sam na piuthair gu Amanda agus thàinig iad a-steach dhan taigh còmhla. Tha i ochd deug bliadhna a dh’aois agus tha i na h-oileanach. 

Tracey: Tha Tracey seachd deug air fhichead agus cha robh i a-riamh air plèana! Tha i a’ fuireach ann am Fordham agus tha i eòlach air a h-uile duine a tha a’ fuireach sa bhaile!bigbrother04

 Ziggy: Chuir Bràthair Mòr duine a-mhàin san taigh Dihaoine às deidh an cho-fharpais thòiseachadh. ’S e seann seinneadair (boyband) agus model a th’ ann. Tha e an dòchas gum faigh e bràmair nuair a tha e san taigh! 

Gerry: Chaidh Gerry agus Seany a-staigh còmhla aig deireadh an darna sheachdain. Tha e aon deug air fhichead bliadhna a dh’aois agus ’s ann à Lunnainn ’s a tha e.

Brian: Tha Brian òg agus uabhasach èibhinn. Tha e naoi deag bliadhna dh' aois agus chan eil mòran eolas aige mu dheidhinn an t-saoghail. Anns an taigh tha na daoine eile measail air agus 's coltach gum bi e a' dèanamh fìor mhath san fharpais seo.

 

Emily: ’S ann à Bhristol a bha Emily agus ’s e oileanach a th’ innte. Bha aice ri an taigh fhàgail sa chiad seachdain air sgàth ’s gun tùirt i facal gràin-cinnidheachd.

Leslie: ’S e Leslie an tè às sine anns an taigh. ’S ann à Gloustershire ’s a tha i agus tha i pòsta. Dh'fhàg Leslie an taigh.

Chanelle: Tha Chanelle naoi deug bliadhna dh’aois agus tha i a’ coimhead coltach ri Posh Spice. ’S ann à Wakefield a tha i agus tha i na h-oileanach.

Charley: ’S ann à Lunnainn a tha Charley agus ’s e nighean "it" a th’ innte. Tha i fichead ’s a h-aon bliadhna dh’aois agus 'se co-ogha do Kieran Richardson a th'innte.

Shabnam: Tha Shabnam fichead ’s a dhà bliadhna a dh’aois agus ’s toil leatha a bhith a’ bruidhinn. Tha i ag ràdh gu bheil i làn lùths agus ’s dòcha gun cuir i dragh air na daoine eile! Tha Shabnam air falbh a-nis.

Seany: ’S e duine toilichte a th’ ann agus tha e fichead ’s a còig bliadhna a dh’aois. Thachair e ri Hilary Clinton nuair a chaidh e dhan Taigh Gheal anns na Stàitean. Tha Seany air falbh a-nis.

Billi: 'S e modail a th' ann am Billi agus mar sin dheth, tha e gu math mòr leis fhèin! Tha plana air a bhith aige agus tha e ag iarraidh buannachadh gu mòr. Tha Billi air falbh a-nis.

Jonathon: 'S e duine beairteach a th' ann agus le sin, chan eil e ann am Bràthair Mòr airson airgead a bhuannachadh. Thùirt e gu bheil e leisg. Tha e a' fuireach ann an Lunnainn agus tha e a' dol a phosadh. Dh'fhàg e an taigh nuair a bhàsaich a sheanmhair.   

Laura: ’S ann às a’ Chuimrigh a tha Laura agus tha i a’ bruidhinn gun sguir anns an taigh. Tha i fichead ’s a trì bliadhna dh’aois agus chan eil i ag òl no a’ smocadh. Tha Laura air falbh a-nis.

Nicky: Tha beachdan gu math làidir aig Nicky agus chan eil i diùid! Canaidh i rud sam bith a tha i ag iarraidh. Tha i fichead ’s a h-ochd bliadhna dh’aois agus chan eil i uabhasach dèidheil air daoine san fharsaingeachd! Tha i air falbh bhon taigh a-nis.