Skip to content

Comadaidh Oir

As dèidh tri dhe na seachdainean as fheàrr a bh’ agam a-riamh nam bheatha, de‘s urrain dhomh a ràdh mu dheidhinn ach gu robh e fìor mhath! 

Thoisich sinn tràth air an 10mh là den t-Iuchar agus leum sinn air bòrd bus Chomadaidh Oir agus dh’ fheuch sinn air an t-Òban.  Cha robh an t-sìde ach fliuch is robach ach bha mi fhèin ‘s a h-uile duine eile a’ coimhead air adhart ris an gnothach a bha an seo.  Cho luath ‘s a dh’ fhàg sinn Glaschu, chaidh na camaras air agus chlàr iad comhairle eadar na h-actoran (Mi fhèin, Ailigcaxy “Bhaltois” Dòmhnallach. Ailig “Bambi” Dòmhnallach agus Carina NicLeòid) agus an uairsin thug Cathaidh an dùbhlan aice seachad chun na sgrìobhadairean (Cailean Collier, Murchadh MacSuain, Catriona Lexy Chaimbeul, Iain MacCoinnich ‘s Seonaid Evans).

Bha aon là aig na sgrìobhadairean airson scriopt a sgrìobhadh airson an toirt an uairsin gu Mòrag Dhòmhnallach ‘s Gillesbuig Fearghasdan, air an darna latha, airson a dhol thairis orra.  Bha còmhradh ann eadar an dithis ud agus na sgrìobhadairean agus bha aca ri fear dhuibh a bhòtadh a-mach.  Bhiodh an sgrìobhadair leis an sgriobt as laige a’ dol air a phanel airson an taisbeanadh oidhche chiadain.

As dèidh dhaibh aontachadh air an fhear as laige agus a bhòtadh a-mach, fhuair na h-actoran na sgriobtaichean agus bha againn ri dhol tromhpa is an ionnsachadh cho luath ‘s urrain dhuinn.  Chaidh sinn tromhpa leis an stiùiriche agus thug e dhuinn cuideachaidh agus gluasadan airson ‘s gum bi an sceads ag obair air an àrd ùrlar.

Bha a’ chiad taisbeanadh againn oidhche chiadain agus bha Mòrag na bean-an-taighe agus abair gun do rinn I math fhèin.  Bha Cathaidh, Derek “Pluto” Moireach agus Iain MacCoinnich air a’ phanel agus bha iadsan a’ toirt seachad nam beachdan aca as dèidh gach sceads.  Chòrd an gnothach dha rìreabh math ri muinntir an Òban agus as dèidh an gnothach bha sinn h-uile sgìth.

caxy2An ath là, dh’ fhàg sinn tràth agus dh’ fheuch sinn air Inbhir Nis.  Lean an ath thrì laithichean an aon phàtran a bh’ ann airson a’ chiad trì là mar gum biodh, le na h-actoran a’ còmhradh air beulaibh a’ chamara air a’ bhus agus Cathaidh a’ toirt seachad an dùbhlan aice.  A-rithist, bha aon là aig na sgrìobhadairean ri rud a sgrìobhadh agus air an dara là bha iad a’ dol troimh ‘n obair aca le Mòrag is Gilleasbuig agus a’ bhòtadh an fheàrr as laige a-mach.  Bha an taisbeanadh againn air oidhche shathairne ann an Cùl Lodair agus abair oidhche a bh’ againn uile.

Bha Là na Sabaid againn dhe agus bha seachdain a dha ‘s a trì ag obair anns an aon dòigh mar a bha a’ chiad seachdain.  Bha sinn ann am Beinn a Bhaoghla agus Steòrnabhagh anns an dara sheachdain agus ann am Port Rìgh ‘s Glaschu airson seachdain a trì.  Chan eil mi gus dad innse mun sceadsaichean no cò an neach a bhuannaich ach gu robh iad uile fìor mhath agus chòrd e rium gu mòr a bhith an lùib rudeigin mar seo.  Bha mi cho fortanach gun robh mi ag obair còmhla ri daoine proifeiseanta agus bha an sgioba air fad cho laghach.  Feumaidh sibh ar faicinn air an telebhisean airson an stuth sin fhaighinn a-mach.