
’Se filmography air beatha prìomh sheinneadair Joy Division, Ian Curtis, a th’ ann an “Control”. Tha an ceòl ag obair mìorbhaileach math leis an dealbhaireachd anns an fhilm a tha seo agus ma chòrd Joy Division riut ron seo, bidh fada a bharrachd urram agad dhan cheòl as dèidh an fhilm seo.
Air a losgadh gu brèagha ann an dubh ’s geal, tha sinn a’ tògail ghnothaichean le Iain na laighe na h-aonar air a leabaidh a’ gabhail smòc anns na seachdadan. Tha postairean de Lou Reed, na Sex Pistols agus Dàibhidh Bowie air a’ bhalla, agus ged nach eil e a’ seinn fhathast, tha faidhlichean aige air an deasg airson bàrdachd, fàclan òrain ’s a leithid. ’S ann an uairsin a tha e coinneachadh ris a’ bhean Debbie.
Bho seo a-mach, tha sinn a’ facinn am buaidh a tha an còmhlan a’ toirt air a bheatha; eadar an teaghlach ùr, an obair àbhaisteach, agus an uairsin an galar-tuiteamach a tha tighinn air. Tron film tha sinn a’ faicinn mar a tha e a’ riochdachadh a’ chiùil aige. Tha na h-òrain aige ag innse dhan t-saoghal gu bheil e fo bhròin ach a bheil duine faisg, neo fad air falbh, ag èisteachd?

Chaidh “Control” dhan Fhèis Filmichean ann an Dùn Èidinn agus thog e na duaisean airson “Best New British Film” agus “Best Performance” airson Sam Riley a chluich am pàirt aig Iain fhèin. Film uabhasach fhèin math a chur gleans ùr air ceòl Joy Division dhòmhsa. Na tèid ga choimhead ma tha sibh airson film èibhinn fhaicinn ach ma tha ùidh sam bidh agad ann an ceòl, ’s e obair anabarrach math a tha seo.
4.5 / 5






