Skip to content

Artaigeal le: Steaphan

House of the Dead

Ma ‘s math mo chuimhne, 's e seo am fiolm a bu mhiosa a chunnaic mi riamh airson ùine mhòr, agus feumaidh mi ràdh gu bheil mi air tòrr droch fhiolm fhaicinn nam bheatha gu ruige seo!

Cha b’ e fiolm a bh’ ann ach sanas buidheann geama compiutaireachd gun fiù ‘s oidhirp ann sgeul innse no teagamh a chruthachadh dhuinn.

Tha còrr is 14 sgàilean san UGC (Sràid Renfrew, Glaschu), agus chan urrainn dhomh gun a bhith smaoineachadh nach robh gu leòr filmichean air tighinn a-mach san t-seachdain sin bhon chompanaidhean mòra Ameireaganaich ‘s nach robh àrach aca air ach a bhith a’ fulang an droch fhiolm seo do dhaoine!

‘S e fiolm zombie a th’ ann, air a bheil “House of the Dead”, agus bhon fhìor-thoiseach, tha fios agad dè tha dol a thachairt dhan phearsachan uile mus bi fiù ‘s diog air a dhol seachad! Tha ceathrar ann a tha nam “prìomh” phearsachan, dithis tè agus dithis fhear, ach cha leig mi leas innse dhut dè thug iad orra, oir thèid iad uile chun a’ bhàis mus tèid agad air “Tha am fiolm seo grod!” a chantainn.

Tha ceathrar càirdean ann a tha fadalach ‘s iad a’ feuchainn ri ruigsinn pàrtaidh a-muigh air eilean fada bhon tìr-mòr. Gheibh iad air bòrd bàt’ iasgaich air a stiùireadh le dithis fhear aosta a tha iomagaineach an toiseach mu bhith dol chun eilein sin air sgàth ‘s gun do chuala iad sgeulachdan oillteil mu dheidhinn. Ach as dèidh dhaibh cnap mòr airgead fhaighinn bhon ceathrar amadain òga, siùbhlaibh iad a-null agus gheibh iad a-mach gu bheil na càirdean aca uile (cha mhòr) marbh ‘s iad a-nise nan zombies.

Feuchaidh iad an uair sin fhaighinn air ais chun bhàta tro choille an eilein, fhad ‘s a tha iad gan dìon fhèin (gun mòran fheum) bho ionnsaighean nan zombies.

An aon rud a dh’fhaodadh tu ràdh mun fhiolm seo, ‘s ann gum biodh e cianail fhèin math mar gheama chompiùtaireachd, agus sin an teachdaireachd a chuir nan luchd-deasachadh ris!

Le bhith a’ cur seallaidhean-sabaid às a’ gheama aca ris an fhiolm, tha iad ag innse dhuinn, “Coma leibh nach deach do bhrodadh idir leis an sgudail seo, tha geama a tha fada nas fheàrr ri fhaighinn air Sega!”

Uill, gu dearbha, b’fheàrr leamsa sgleog a thoirt dhaibh le fear de na h-innealan choimpiutair troma aca airson bhith cho bragail am fiolm seo a shealltainn dhuinn ann an taigh-dealbh anns a bhios tu pàigheadh £5.50 (mura h-eil thu nad oileanach.)

Ach nan robh mi airson ceann goirt dha-rìreabh a thoirt dhaibh , cha leiginn leas oidhirp mhòr mar sin a chur an gnìomh.

Ma chuireas mi bhideo dhen fhiolm seo thuca sa phost nuair a thig e a-mach agus toirt orra coimhead ann am fad air, nì sin a’ chùis a’ cheart cho math ri buille trom air a’ cheann!

Chan ann tric a bhios mi fàgail taigh-dealbh leis an t-seòrsa faireachadh falamh nam bhroinn mar a bh’ agam an t-seachdain seo chaidh as dèidh dhomh “House of the Dead” fhaicinn. Agus na bi a’ cur orm gur ann nach do dh’ith mi gu leòr popcorn as adhbhar dha sin! Ma leanas an UGC air am fiolm seo a shealltainn, ‘s dòcha gur e an t-ainm a bu chòir a bhith air an togalach “Taigh-dealbh nam Marbh”!