Skip to content

Die Hard 4.0

Tha Bruce air ais agus tha e cho brùiteach ‘s cho cool ‘s a bha e riamh anns an ceithreamh film anns an sreath Die Hard. Tha e air ais ag eibheadh Yippi-kay-ay, a fagail fuil air feadh an t-àite agus a spreidheadh peillearan mun chuairt mar crogan impulse.

Latha àbhaisteach a tha seo airson John McClane. Tha fras a dhith air agus cha d’fhuair e an cothrom a h-aodan a lomadh sa mhadainn. Chan eil a theaghlach aige a bruidhinn ris agus mar is abhàist, tha bleagairt cràite ach conmhar suas ri cron faisg air! An turas seo tha Thomas Gabriel (Timothy Olyphant; Go, 1999, Gone In 60 Seconds 2000) a cleachdadh computairean agus an ioma-mheadhan airson Ameirigea a bhriseadh a h-airgead a ghoid. Ach de fios a th’aig John mu dheidhinn Computairean?! Cha eil sìan!

Mar sin tha e fortanach ann an doigh gu bheil e coinneachadh ris a Hacker, Matt Farrell. Tha an duine òg air a bhith ag obair airson Gabriel gun fhios, ach nuair a tha McClane a tighinn dhan tigh aige airson a thoirt shìos dhan an stèisean, (a leantainn eisimpleir PC Alasdair Stiubhart), agus tha sgioba do mhùrtairean a feuchainn a mharbhadh, tha e deanamh a h-uile sian na chumhachd airson stad a chuir air.

Mar a shaoilleadh tu tha am film làn aigsean agus deagh spòrs. Chòrd e ris a h-uile gin do na càraidean agam! Tha e ceart cho math ri gin do na sequels a chaidh roimhe agus chan ann trìc a tha sequel nas fhearr na am fiolm mu dheireadh san streath, ach tha Die Hard 4.0, nas fhearr na "Die Hard: With a Vengeance" agus bha sin nas fhearr na "Die-Hard 2: Die Harder." ‘Se pìos fiosrachadh truagh a tha seo ach cha robh film math air a dheanamh far an robh "Colon" anns an tìotal suas gu Die Hard 2: Die Harder, agus sin an fhìrinn. Co dhiu, Tha Bruce a fàs sean agus cha reid mi gum bith colon fhathast aige nuair a tha an t-àm ann airson "Die Hard 747: Ha Ha! You Missed M-bang."

 

Bhon a chunna mi Jump London tha mi air a bhith cumail suil a mach airson Parkour, neo "free running" ann am filmichean agus bha mi uabhasach fhein toilichte Cyril Rafaelli fhaicinn a cluich fear dheth na Baddies! Bha e ann an District 13 (Banlieue 13) nuair a chunna mi mu dheireadh e agus tha mi cinnteach gur e seo an ath Van Damme. Bho Chuck Norris gu Jean Claude VanDamme, Patrick Swayze gu Steven Segal, Vin Diesel gu Cyril Rafaelli... Tha e soilleir gu bheil an talent aige ach ‘s doch’ nach eil an ainm aige ceart air a shon.

Tha Die Hard 4.0 uabhasach fhein math. Tha mi uabhasach toilichte gun do rinn Bruce fear eile agus gun tàinig e a mach cho math. Feuch gum faic sibh e.