Skip to content

disturbia_mini

Nuair a chunnaic mi am postair airson Disturbia an toiseach, shaoil mi gun robh Vin Diesel air ais ann am “Pitch Black 3: Nas Dubha na Dubh“ ach ’s e film nas fhaisg air an fhilm aig Alfred Hitchcock, “Rear Window” (1955), a chunnaic mi.

Bha e cho claustrophobic ri “Panic Room” (2002) ach chuir e dà fhilm eile nam ìnntinn cuideachd; “The Burbs” agus “Big”! Tha e gu math soilleir carson a tha “The Burbs” coltach ri “Disturbia” ach “Big”?!!
disturbia2.hmedium
Innsidh mi dhùt carson … chan eil mi air cleasaiche òg, taileantach mar Shia Labeouf (“Transformers”, 2007) fhàicinn on a nochd Tom Hanks ann am “Big” agus an uair sin bha 11 bliadhna aige air Shia!

Nuair a tha film stèidhichte ann an aon àite tha an t-uabhas an crochadh air a’ phrìomh chleasaiche agus cha do chuir Labeouf cas ceàrr tron film idir. Bha David Morse (“Green Mile”, “12 Monkeys”) sònraichte math na dhuine dona ach sin an aon seòrsa pàirt as urra dha cluich ach le Shia Labeouf bidh e ann an diofar seòrsa fiolmichean fad a bheatha - tha mi cìnnteach mu dheidhinn sin.
Disturbia
Chòrd “Disturbia” rium. Ged nach eil mòran nua-chruachadh ann, tha tuill ann air feadh an àite, agus ceàrd do sgeul ghaoil a tha air nochdadh anns a h-uile film bhon a thòisich filmichean … Càite an robh mi? oh seadh, “Disturbia”! Tha Disturbia uabhasach èibhinn ann an àiteachan ach chan eil e toirt air falbh bhon phrìomh sgeul a tha fàs nas eagallaiche agus nas dìomhaire aig gach cearn. Film math airson faicinn le do chàraidean.

3.5/5