Doctor Who
Tha sreath eile de Doctor Who a’ tighinn gu crìch aig an deireadh-sheachdain seo, agus tha e a-rithist air a bhith gu math soirbheachail le luchd-amhairc dè gach aois. Thàinig David Tennant air ais mar An Dotair, ach le Rose, a bh’ air a chluich le Billie Piper, a-nis glacte ann an saoghal eile, bha companach ùr a dhìth air.
Bha e fortanach ma-ta gun do choinnich e ri Martha Jones, a th’ air a chluich le Freema Agyeman. Anns a’ chiad phrògram dhen t-sreath seo, ’s e oileanach leigheas a bh’ innte agus i ag obair ri bhith na dotair i fhèin.
Mar a bhios a’ tachairt dhan a h-uile duine ge-tà, dh’atharraich a beatha cho luath ’s a choinnich i ris An Dotair.
Cha ro fada ann gus an do lorg i fhèin air a’ ghealach agus dhèilig i cho math ri na Judoon (alien a tha a’ coimhead gu math coltach ri rhino!) gun do dh’fhaighnich e dhith ma bha i airson siubhal còmhla ris anns an TARDIS.
Cha robh e a’ ciallachadh ach gum biodh i ann airson 1 turas ach tha i air a bhith còmhla ris bhon àm sin. Tha i air coinneachadh ri Shakespeare ann an 1599 agus na Daleks ann an 1930 a-measg mòran eile.
Air ais ann an 2007 ge-tà, tha sin air a bhith a’ cluinntinn airson mòran sheachdainean a-nis mu dhuine annasach ris an canar ‘Mr Saxon’. Bha ùine ann mus d’fhuair sinn a-mach cò e, ach nuair a dh’ionnsaich An Dotair gur e ‘The Master’ a bh’ ann cha robh e toilichte idir. Carson a bha seo ma tha?
Mar An Dotair, ’s e Time Lord a th’ anns Am Master agus tha seo a’ ciallachadh gur ann às a’ phlanaid Gallifrey a tha e agus gun fhaod e cuideachd siubhal eadar diofar amannan. Eu-choltach ris An Dotair ge-tà, chan eil e airson daoine a chuideachadh ach airson an t-saoghal a riaghladh.
Nochd e an toiseach ann an Doctor Who ann an 1971 agus bhon àm sin, tha An Dotair air a shàbaid iomadh uair.
Shaoil an Dotair nach fhaiceadh e a-rithist e ge-tà agus e air a ghlacadh am broinn an TARDIS. Bha e ceàrr, agus tha e a-nis ann an cunnart mòr agus gun duine ach Martha a dh’fhaodas a shàbhaladh. Saoil an dèan i a’ chùis?






